17/02/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 346
Duration: 05:20
Litir 346: A鈥 Bhanntrach NicLe貌id
Bidh sibh a鈥 cuimhneachadh gu robh sinn ann am Br脿igh Mh脿rr an t-seachdain sa chaidh. Leis gu robh a鈥 Bhanntrach NicLe貌id a鈥 dol a chall na b脿 aice, airson an torc nimhe a bhiathadh, mharbh an gille aice, Sanndaidh, an torc. Cha robh Sanndaidh ach c貌ig bliadhn鈥 deug a dh鈥檃ois. Fhuair e binn b脿is airson na rinn e. Bhathar a鈥 dol ga chrochadh air Creag Choinnich.
Chuala a鈥 Bhanntrach NicLe貌id gu robh an r矛gh, Calum a鈥 Chinn Mh貌ir, gu bhith ann an Caisteal Ceann na Drochaid an ath l脿. Dh鈥檉h脿g i an taigh aice. Bha i airson coinneachadh ris an r矛gh air an rathad mus ruigeadh e an caisteal. Bha i airson taic a shireadh bhuaithe. Chaidh i suas Gleann Cluainidh gu Bealach a鈥 Ch霉irn Bhuilg oir bha i cinnteach gun tigeadh an r矛gh air an rathad sin bhon cheann a deas. Sin an dearbh ghleann anns a bheil an rathad m貌r bhon cheann a deas an-diugh.
Chuir i seachad oidhche anns an 脿ite fhuar sin. B鈥 e sin an oidhche a chuir Sanndaidh seachad anns an toll-dhubh anns a鈥 chaisteal airson an torc a mharbhadh, mus do bhruidhinn e ris an uachdaran. B鈥 fheudar don bhanntraich feitheamh gu feasgar an ath-l脿 mus do nochd an r矛gh. Chrom i i fh猫in aig casan an r矛gh agus ghuidh i air beatha a mic a sh脿bhaladh.
Thuirt an r矛gh gun d猫anadh e rannsachadh air a鈥 ch霉is nuair a ruigeadh e Caisteal Ceann na Drochaid, agus dh鈥檌arr e air a鈥 bhanntraich a leantainn ann. Rinn i sin. Cho luath 鈥檚 a r脿inig an r矛gh an caisteal thog e cuspair Shanndaidh MhicLe貌id leis an uachdaran. Mh矛nich an t-uachdaran mar a thachair bho a shealladh-san.
Thuirt an r矛gh gum faigheadh Sanndaidh cothrom a bheatha a sh脿bhaladh. Chuireadh a mh脿thair air leac air taobh thall Uisge Chluainidh. B鈥 e sin an t-脿ite 脿s an do loisg Sanndaidh air an torc. Dh鈥檉heumadh Sanndaidh fuireach air drochaid-thogalach a鈥 chaisteil. Chuireadh f脿d m貌nach air ceann na banntraich. Nan d猫anadh Sanndaidh a鈥 ch霉is le bhith ga bhualadh le saighead bhiodh e air a leigeil ma sgaoil.
Bha an t-eagal air a鈥 ghille, ach b鈥 e sin an aon chothrom aige. Dh鈥檌arr e gum biodh am bogha aige fh猫in air a thoirt dha, agus an d脿 shaigheid a bha aige nuair a chaidh a chur an gr猫im. Fhuair e sin.
Air taobh thall Uisge Chluainidh, bha m脿thair a鈥 ghille. Bha i na seasamh le f脿d m貌nach air a ceann. Dh鈥檃mais Sanndaidh gu c霉ramach agus leig e sreang a鈥 bhogha. Bhuail an t-saighead anns an fh脿d agus thuit am f脿d far ceann a mh脿thar. Rinn a h-uile duine a bha ga choimhead g脿irdeachas.
Dh鈥檌arr an r矛gh air Sanndaidh tighinn air a bheulaibh. 鈥淚s math a rinn thu, 鈥檌lle,鈥 thuirt e, 鈥渁ch carson a dh鈥檌arr thu d脿 shaigheid? Tha fios agad, nan robh thu air f脿ilneachadh le aon t猫, gum biodh tu air do chrochadh.鈥
鈥淣an robh mi air f脿ilneachadh leis a鈥 chiad t猫,鈥 fhreagair an gille, 鈥渁gus nan robh mi air mo mh脿thair a mharbhadh, bha mi air an d脿rna t猫 a chur annaibh fh猫in.鈥 Bha an t-uabhas air an t-sluagh a bha ag 猫isteachd ach rinn an r矛gh lachan-g脿ire. 鈥淚s math a thuirt thu!鈥 dh鈥櫭╥gh e, agus leig e an gille ma sgaoil. Thill Sanndaidh agus a mh脿thair don taigh aca ann an Gleann an t-Slugain agus dh鈥檉huirich iad ann an sin gu s矛theil. Thathar ag r脿dh nach do tharraing Sanndaidh sreang bogha a-rithist an d猫idh an l脿 sin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.