Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 412: Fèith nan Ceann

Bha sinn ann an Gleann Sìdh an t-seachdain sa chaidh. Agus tha sinn ann fhathast. Tha àite ann air a bheil Finegand ann am Beurla. ’S e sin Fèith nan Ceann. Seo mar a dh’èirich an t-ainm.

Bha oifigearan siorraim anns an sgìre airson cìsean a thogail bho na daoine. Chaidh iad gu taigh aig banntrach. Bha am boireannach gu math bochd. Ach cha robh co-fhaireachdainn aig na h-oifigearan siorraim dhi. Bha glè bheag de dh’airgead aig a’ bhoireannach ri làimh. Mar sin, thug na h-oifigearan leotha an sprèidh gu lèir aice, agus tòrr rudan luachmhor eile. Bha am boireannach troimh-chèile.

Chuir i fios gu ceann-cinnidh Chlann ’ic Thomaidh. Tha esan air a chuimhneachadh mar MacThomaidh Mòr. Chuir esan feachd ri chèile, agus chaidh iad a dh’ionnsaigh taigh a’ bhoireannaich. Chan eil fhios agam dè an t-ainm a bh’ air an fhèith ris an canar Fèith nan Ceann an-diugh. Ach bha drochaid thairis oirre. Agus ’s ann aig an drochaid a thachair an dà bhuidhinn ri chèile.

Thòisich argamaid eatarra. Lean sabaid air an argamaid. Chaidh fear de luchd-togail nan cìsean a mharbhadh, chaidh feadhainn eile a leòn agus ghèill càch. Ach rinn fear dhiubh mearachd. “A MhicThomaidh Mhòir,” thuirt e, “is sinne muinntir an Rìgh agus bheir sinn fianais nad aghaidh.”

Fhreagair MacThomaidh Mòr, “Cha bhi luchd-fianais ann.” Thug e òrdugh do na daoine aige na h-oifigearan siorraim gu lèir a mharbhadh. An uair sin, dh’iarr e orra cinn nam marbh a ghearradh dhiubh. Thug e òrdugh an uair sin na cinn a thilgeil don fhèith. Thathar ag ràdh gun do dh’èigh e, “Snàmhaibh air ais dur maighstirean ann an Dùn Èideann agus innsibh dhaibh dè thachras do na mèirlich a chuireas iad a Ghleann Sìdh.” Bhon uair sin, ’s e Fèith nan Ceann a bha daoine a’ gabhail air an fhèith sin.

Thathar ag ràdh gun do sheachainn luchd-togail nan cìsean Gleann Sìdh airson ùine mhòr às dèidh sin. Ach bha droch bheachd aig an riaghaltas air Clann ’ic Thomaidh. Aig a’ cheann thall, fhuair iad dìoghaltas. Chaill Clann ’ic Thomaidh am fearann aca sa ghleann. Agus dh’atharraich mòran an ainmean, a rèir beul-aithris co-dhiù. Ann am Beurla ’s e MacCombie a chanadh iad riutha. Chan eil an t-ainm sin cho cumanta an-diugh. ’S e MacThomas, Thomson, Thoms is Thomas a chanadh mòran riutha fhèin ann am Beurla gus nach biodh daoine ag aithneachadh cò às a thàinig iad.

Ceithir mìle gu tuath air Fèith nan Ceann tha àite air a bheil, ann am Beurla, Spittal of Glenshee. Ann an Gàidhlig, ’s e sin Spideal Ghlinn Sìdh. ’S dòcha gum faca sibh an t-ainm sin ann an àiteachan eile – Spideal. Tha Dalsnapidal faisg air Dail Chuinnidh. ’S e sin Dail na Spideil. Tha Spideal a’ ciallachadh àite far am faigheadh luchd-siubhail cuid na h-oidhche. Agus sin far an robh mi fhìn a’ fuireach na h-oidhche nuair a bha mi sa ghleann. Tha e na spideal fhathast.

Cha chreid mi nach eil am facal a’ tighinn bho thùs bhon Laidinn hospitium. ’S ann às a sin a thàinig am facal ospadal cuideachd agus, ann am Beurla, hospital is hospice. Faisg air an Spideal ann an Gleann Sìdh tha beinn a tha gu math ainmeil ann an eachdraidh is dualchas na Gàidhealtachd. Is ise Beinn Ghulbain. Tha i co-cheangailte ri tè de na sgeulachdan as ainmeile a th’ againn. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn sin an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Gleann Sìdh: Glenshee; banntrach: widow; ٰǾ-è: extremely upset; ceann-cinnidh: clan chief; MacThomaidh Mòr: MacCombie Mor; Beinn Ghulbain: Ben Gulabin.

Abairtean na Litreach

Fèith nan Ceann: [lit.] the bog-stream of the heads; oifigearan siorraim: sheriff’s officers; bha glè bheag de dh’airgead aig a’ bhoireannach ri làimh: the woman had very little money to hand; thug na h-oifigearan leotha an sprèidh gu lèir aice: the officers took with them her entire livestock; ’s ann aig an drochaid a thachair an dà bhuidhinn ri chèile: it’s at the bridge the two groups met each other; thòisich argamaid eatarra: an argument started between them; lean sabaid: a fight followed; chaidh feadhainn eile a leòn: others were wounded; ghèill càch: the rest surrendered; is sinne muinntir an Rìgh: we are the King’s men; bheir sinn fianais nad aghaidh: we’ll give evidence against you; cha bhi luchd-fianais ann: there will be no witnesses; thug e òrdugh na h-oifigearan siorraim gu lèir a mharbhadh: he gave an order to kill all the sheriff’s officers; dh’iarr e orra cinn nam marbh a ghearradh dhiubh: he asked them to cut off the heads of the dead men; na cinn a thilgeil don fhèith: to throw the heads into the bog-stream; thathar ag ràdh gun do dh’èigh e: it is said that he shouted; innsibh dhaibh dè thachras do na mèirlich: tell them what happens to the thieves; gun do sheachainn luchd-togail nan cìsean Gleann Sìdh: that tax-collectors avoided Glenshee; fhuair iad dìoghaltas: they got revenge; dh’atharraich mòran an ainmean: many changed their names; gus nach biodh daoine ag aithneachadh cò às a thàinig iad: so that people wouldn’t recognise where they came from; far am faigheadh luchd-siubhail cuid na h-oidhche: where travellers would get a night’s lodging; cha chreid mi nach eil am facal a’ tighinn bho thùs: I reckon the word originally comes.

Puing-chànain na Litreach

Snàmhaibh air ais dur maighstirean ann an Dùn Èideann: swim back to your masters in Edinburgh. To many people the word dur will look rather strange. It is an abbreviation of do ur (to your [plural]) and is permitted under the latest revision of Gaelic orthography (Gaelic Orthographic Conventions 2005). An alternative is dhur (if you use dha instead of do). Note that do ar “to our” [or alternatively dha ar] can be abbreviated as dor, dar or dhar.

Gnàths-cainnt na Litreach

cha robh co-fhaireachdainn aig na h-oifigearan siorraim dhi: the sheriff’s officers had no sympathy for her.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast