28/09/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 430
Duration: 05:22
Litir 430: Deis-d猫
Seo am fear a bhris an sabhal
Seo am fear a ghoid an t-arbhar
Seo am fear a sheas ag amharc
Seo am fear a theich air falbh
Seo am fear a dh鈥檌nnis e, a dh鈥檌nnis e, a dh鈥檌nnis e.
鈥淒猫 fon ghr猫in air a bheil Ruairidh a-mach an t-seachdain seo?鈥, bidh sibh a鈥 faighneachd. Uill, innsidh mi dhuibh nas fhaide dhen Litir. Seo an rann a-rithist:
Seo am fear a bhris an sabhal
Seo am fear a ghoid an t-arbhar
Seo am fear a sheas ag amharc
Seo am fear a theich air falbh
Seo am fear a dh鈥檌nnis e, a dh鈥檌nnis e, a dh鈥檌nnis e.
Bha c貌ig loidhnichean ann. Bidh am fiosrachadh sin na chuideachadh dhuibh. Co-dhi霉, cha chan mi an c貌rr air sin airson mionaid no dh脿.
Uaireannan bidh daoine a鈥 faighneachd dh矛om mu gheamannan a chluicheadh clann aig an robh G脿idhlig. Agus dh鈥檉haighnich cuideigin dh矛om o chionn beagan mh矛osan gu d猫 chanadh iad nuair a bha iad a鈥 cluich g猫am, agus iad ag iarraidh a bhith saor bho riaghailtean a鈥 gh猫am airson mionaid no dh脿.
Far an do chuir mise seachad p脿irt de m鈥 貌ige 鈥 ann am Broughty Ferry faisg air D霉n Deagh, 鈥檚 e 鈥渃haps鈥 a chanadh a鈥 chlann ann am Beurla. Nam biodh tu a鈥 cluich g猫am agus tu ag iarraidh fois airson tiotan, bhiodh tu a鈥 stad no a鈥 dol gu 脿ite s貌nraichte. Chuireadh tu do l脿mh suas agus chanadh tu 鈥渃haps鈥 agus cha chuireadh duine dragh ort. Ri linn mo ph脿rantan ann an Glaschu, 鈥檚 e 鈥渒eys鈥 a chanadh iad. Dh鈥檕braich e anns an aon d貌igh ri 鈥渃haps鈥.
Chan eil mi cinnteach d猫 d矛reach a chanadh clann ann an diofar ph脿irtean dhen Gh脿idhealtachd, agus bu mhath leam cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil cuimhne air a leithid. 鈥橲 fhada o nach robh geamannan mar sin air an cluich. Agus an fheadhainn 脿s na h-eileanan aig a bheil cuimhne, gu tric bhiodh iad a鈥 cluich nan geamannan aca le clann bho na bailtean m貌ra a bh鈥 air a dhol a dh鈥檉huireach anns na h-eileanan t矛de a鈥 chogaidh. 鈥橲 d貌cha nach robh na geamannan buileach cho G脿idhealach bho sin a-mach.
Anns an fh矛or sheann aimsir, ge-t脿, bhathar a鈥 cleachdadh na h-abairt deis-d猫. Deis-d猫. A r猫ir Dwelly, tha e a鈥 ciallachadh 鈥済irth, sanctuary, place of safety, spot in game 鈥榯ig鈥 where the player within is secure and cannot be touched鈥. Tha e coltach gu bheil deis-d猫 a鈥 seasamh airson
鈥渁ig l脿imh dheis Dh猫鈥 鈥 a鈥 ciallachadh 鈥渁t God鈥檚 right hand鈥. Cha bhiodh 脿ite na bu sh脿bhailte na sin! Bhiodh clann ag 猫igheachd 鈥渄eis-d猫鈥 nuair a bha iad ag iarraidh a bhith a-mach 脿s a鈥 gh猫am.
Agus bhiodh daoine a鈥 cleachdadh na h-abairt ann an d貌igh eile cuideachd. Chanadh iad rudan mar, 鈥淭hachair e mus robh cothrom agad 鈥榙eis-d猫鈥 a r脿dh!鈥, a鈥 ciallachadh gun do thachair e ann am f矛or chabhaig. Ann am Beurla bhiodh daoine ag r脿dh mun aon se貌rsa rud, 鈥淚t happened before you could say 鈥楯ack Robinson鈥!鈥
Nise, air ais do na c貌ig 鈥渇ir鈥. 鈥橲 e rann a th鈥 ann a bhiodh p脿rantan a鈥 gabhail ri leanaban, a鈥 comharrachadh an corragan, t猫 脿s d猫idh a ch猫ile:
Seo am fear a bhris an sabhal
Seo am fear a ghoid an t-arbhar
Seo am fear a sheas ag amharc
Seo am fear a theich air falbh
Seo am fear a dh鈥檌nnis e, a dh鈥檌nnis e, a dh鈥檌nnis e.
Uill, sin agaibh e bhuamsa an t-seachdain seo. Tha mi a鈥 dol a theicheadh ann an cabhaig 鈥 gu dearbh, mus bi 霉ine agaibh 鈥渄eis-d猫鈥 a r脿dh...
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.