22/01/2007
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 88
Duration: 04:22
An Litir Bheag 88
Rinn tuiltean sgrios ann am Moireibh ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829). Bha mi ag innse sin dhuibh an t-seachdain sa chaidh. Ach o chionn fhada, rinn gainmheach sgrios ann am Moireibh cuideachd. Seadh – gainmheach.
Thachair e faisg air a’ chladach ann an Culbin Sands. Ann an Gà idhlig ’s e sin Bà r Inbhir Èireann. Tha sin a’ ciallachadh the sand bar of Findhorn. Bà r Inbhir Èireann.
Tha baile Inbhir Èireann – no Findhorn village – air taobh thall na h-aibhne bho Bhà r Inbhir Èireann. Chan eil duine a’ fuireach air a’ Bhà r an-diugh. ’S e coille a th’ ann. Chaidh a’ choille a chur. B’ e sin an aon dòigh airson stad a chur air a’ ghainmhich.
Bha Bà r Inbhir Èireann uaireigin ainmeil airson a bhith torrach. Bha ùir domhainn ann. Bha taigh mòr ann. Bha leas brèagha timcheall an taigh mhòir. Bha ubhalghort ann cuideachd. Bha crodh is caoraich ann. Bha tuathanasan ann. Bhathar a’ fàs eòrna is coirce.
An uair sin thà inig am foghar sia ceud deug, naochad ’s a ceithir (1694). Thà inig stoirm. Thà inig gainmheach – gainmheach mhòr mhòr. Thà inig i gu h-obann is gun rabhadh. Bha duine a’ treabhadh. Theich e. Dh’fhà g e an crann. Chaidh an crann a chòmhdachadh leis a’ ghainmhich.
Chòmhdaich a’ ghainmheach a h-uile nì. Chòmhdaich i leas an taigh mhòir. Chòmhdaich i an t-ubhalghort. Dh’fhàs an stoirm na bu mhiosa air an dà rna latha. Theich na daoine.
Dhùin a’ ghainmheach beul na h-aibhne. Bhris an abhainn tron ghainmhich. Agus rinn i sgrios air seann bhaile Inbhir Èireann.
Thill muinntir Bhà r Inbhir Èireann do na bailtean aca. Ach cha robh sgeul air an dachannan. Bha a h-uile rud fon ghainmhich. Agus tha fhathast.
Mu cheud bliadhna às dèidh na stoirme, nochd an taigh mòr. Bha e a’ stobadh os cionn na gainmhich. Chaidh fear air mullach an taighe. Chaidh e gu mullach an t-simileir. Dh’èigh e sìos an similear. Chuala e guth. Bha an guth ag èigheachd suas an similear! Dè bh’ ann? Mac-talla? No taibhs de dhuine a chaidh a chall ann an stoirm mhòr na gainmhich?
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.