Main content
Sorry, this episode is not currently available

29/01/2007

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 89

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Bhàr Inbhir Èireann – no na Culbin Sands. Tha iad ann am Moireibh faisg air Inbhir Narann. Eadar Inbhir Narann is Inbhir Èireann. Dh’fhalbh na daoine. Thachair sin ann an sia ceud deug, naochad ’s a ceithir (1694). Chòmhdaich gainmheach an t-àite.

An-diugh ’s e coille a th’ ann. Tha tòrr gainmhich fon choille. Chan eil duine a’ fuireach ann. Ach tha ceist agam – dè dh’adhbharaich an sgrios? Carson a sgap a’ ghainmheach anns a’ bhliadhna sin? Tha feadhainn a’ coireachadh mac an duine.

Faisg air a’ chladach, eadar Uisge Narann is Uisge Èireann, cha robh clach ann. Mar sin, cha do chleachd na daoine bochda clach airson taighean a thogail. Chleachd iad sgrathan an àite clach.

Càite an d’ fhuair na daoine na sgrathan? Uill, fhuair bho na seann dùin-ghainmhich. Bha ùir air na dùin sin. Ach leis an ùir air falbh, sgap a’ ghainmheach leis a’ ghaoith.

Cuideachd, bha mullaichean tughaidh aig daoine bochda ann an Alba aig an àm sin. Agus càite an d’ fhuair muinntir Bhàr Inbhir Èireann an tughadh? Uill, fhuair bho dhùin-ghainmhich eile – feadhainn na b’ òige a bha na b’ fhaisge air a’ mhuir. Spìon iad am muran a bha a’ fàs air na dùin sin. ’S e muran feur a tha a’ fàs air gainmheach – marram grass ann am Beurla. Bidh am muran a’ cumail na gainmhich ri chèile. Nuair a dh’fhalbh am muran, sgap a’ ghainmheach leis a’ ghaoith.

Mus do thachair an sgrios mhòr, bha daoine ag aithris mu stoirmean gainmhich anns an sgìre sin. Bho àm gu àm bha Comhairle Inbhir Narann a’ cur casg air buain sgrathan. Ach cha do chuir sin stad air daoine.

Bliadhna às dèidh na stoirme mòire, sgrìobh an t-uachdaran – Alexander Kinnaird – gu Pàrlamaid na h-Alba. Thuirt e gun robh na cìsean aige ro àrd. Bha an dàrna cuid dhen oighreachd aige fo ghainmheach, thuirt e. Chuir a’ Phàrlamaid achd an sàs. Bha e an uair sin an aghaidh an lagh a bhith a’ spìonadh muran. Ach bha e ro fhadalach airson Bàr Inbhir Èireann. Cha do thill na daoine. B’ e Alexander Kinnaird an t-uachdaran mu dheireadh ann.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: Bàr Inbhir Èireann: Culbin Sands; eadar Inbhir Narann is Inbhir Èireann: between Nairn and Findhorn; dh’fhalbh na daoine: the people left; chòmhdaich gainmheach an t-àite: sand covered the place; tha tòrr gainmhich fon choille: there is much sand under the forest; dè dh’adhbharaich an sgrios?: what caused the destruction?; tha feadhainn a’ coireachadh mac an duine: some people blame Man; eadar Uisge Narann is Uisge Èireann: between the Nairn River and the Findhorn River; cha do chleachd na daoine bochda clach: the poor people didn’t use stone; chleachd iad sgrathan: they used turf [pieces of turf]; seann dùin-ghainmhich: old sand dunes; leis an ùir air falbh: with the soil away; mullaichean tughaidh: thatched roofs; feadhainn na b’ òige a bha na b’ fhaisge air a’ mhuir: some younger ones that were closer to the sea; spìon iad am muran: they pulled out the marram grass; a’ cumail na gainmhich ri chèile: holding the sand together; sgap a’ ghainmheach leis a’ ghaoith: the sand spread with the wind; bha Comhairle Inbhir Narann a’ cur casg air buain sgrathan: Nairn Town Council banned the digging of turf; cha do chuir sin stad air: that didn’t stop; bliadhna às dèidh na stoirme mòire: a year after the great storm; sgrìobh an t-uachdaran gu Pàrlamaid na h-Alba: the laird wrote to the Scottish Parliament; gun robh na cìsean aige ro àrd: that his taxes were too high; bha an dàrna cuid dhen oighreachd aige fo ghainmheach: half of his estate was under sand; an aghaidh an lagh: against the law; ro fhadalach: too late; cha do thill na daoine: the people did not return; b’ e X an t-uachdaran mu dheireadh: X was the last laird.

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast