30/07/2007
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 115
Duration: 03:48
An Litir Bheag 115
Thairis air ceudan bhliadhnaichean, cha robh e gu diofar cò bha a’ riaghladh Eilean Mhanainn – Lochlannaich no luchd na Beurla. ’S e Gà idhlig a bh’ aig na daoine cumanta. Anns an t-seachdamh linn deug, sgrìobh feadhainn gur e Beurla a b’ fheà rr leis na h-uaislean. Ach sgrìobh iad cuideachd ach gur e Gà idhlig a bh’ aig cà ch.
Rinn Easbaig Mhanainn eadar-theangachadh de leabhar ùrnaighean trà th san t-seachdamh linn deug. B’ esan John Phillips. Bha e Cuimreach. Chruthaich e siostam litreachaidh ùr. Cha robh e coltach ris an t-siostam ann an Alba no Èirinn. Ach cha do nochd an leabhar sin ann an clò aig an à m. Ann an seachd ceud deug ’s a seachd (1707), nochd a’ chiad leabhar ann an clò – Prionnsabalan is Dleastanasan Crìosdachd. ’S e easbaig eile a rinn sin – Tòmas Wilson. Thòisich esan pròiseact mòr – eadar-theangachadh a’ Bhìobaill.
Nochd am Bìoball Manainneach ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a còig (1775). Ach cha do thachair e gun strì. Chaidh innse dhomh mu chlèireach. Bha am fear seo ann am bà ta. Bha sgrìobhainn a’ Bhìobaill aige. Bha e a’ dol don chlò-bhualadair. Chaidh am bà ta air na sgeirean. Ach fhuair an clèireach gu sà bhailte don chladach. Bha e a’ cumail na sgrìobhainn tioram os a chionn!
Bha na Manainnich uabhasach dèidheil air ceòl. ’S e an fhidheall a b’ fheà rr leotha. Ann am meadhan a’ gheamhraidh bha ceala-deug de chèilidhean is dannsaidhean. B’ e sin Yn Kegeesh Ommidjagh – an Ceala-deug Amaideach!
Ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a còig (1765), thà inig an t-eilean fo Chrùn Bhreatainn. Bha cùiltearachd a’ dol. Cha robh na Breatannaich toilichte. Chuir iad às don chùiltearachd. Chaidh marsantaich Shasannach a dh’fhuireach ann an Eilean Mhanainn. Ach cha robh an eaconamaidh fallain. Chaidh mòran de na h-eileanaich a-null thairis. Rinn an dà rud sin cron air a’ chà nan.
Ach cha robh i deiseil airson bà sachadh. Agus, san latha an-diugh, tha i a’ dol am meud a-rithist.
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: Thairis air ceudan bhliadhnaichean: over hundreds of years; cha robh e gu diofar cò bha a’ riaghladh: it didn’t matter who was governing; daoine cumanta: common people; anns an t-seachdamh linn deug: in the 17th Century; gur e Beurla a b’ fheà rr leis na h-uaislean: that it’s English that the gentry preferred; gur e Gà idhlig a bh’ aig cà ch: that it was Gaelic the rest spoke; eadar-theangachadh de leabhar ùrnaighean: a translation of a book of prayers; Cuimreach: Welsh; chruthaich e siostam litreachaidh ùr: he created a new spelling system; coltach ris an t-siostam: like the system; ann an clò aig an à m: in print at the time; Prionnsabalan is Dleastanasan Crìosdachd: The Principles and Duties of Christianity; eadar-theangachadh a’ Bhìobaill: translation of the Bible; gun strì: without a struggle; chaidh innse dhomh mu chlèireach: I was told about a churchman; clò-bhualadair: printer; air na sgeirean: on the rocks; fhuair an clèireach gu sà bhailte don chladach: the churchman got safely to shore; a’ cumail na sgrìobhainn tioram os a chionn: keeping the manuscript dry above his head; dèidheil air ceòl: keen on music; ’s e an fhidheall a b’ fheà rr leotha: it’s the fiddle they liked best; meadhan a’ gheamhraidh: the middle of winter; ceala-deug de chèilidhean is dannsaidhean: a fortnight of ceilidhs and dances; amaideach: foolish; fo Chrùn Bhreatainn: under the British Crown; cùiltearachd: smuggling; marsantaich Shasannach: English merchants; a-null thairis: overseas; cron: damage; cha robh i deiseil airson bà sachadh: it wasn’t ready to die; a’ dol am meud a-rithist: expanding again.
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.