Julie Fowlis - Òran na h-Eala
Chuala mi guth binn nan eala
Ann an dealachadh nan tràth,
Glugalaich air sgiathan siùbhlach
Cur nan cura dhiubh gu h‐àrd.
“Guile gì guile gò, guile gì guile gò,
Mo chasan dubha, guile gì
’s mi‐fhèin glè gheal, guile gò”
Ghrad sheas mi, cha d’ rinn mi gluasad,
Sùil dhan tug mi bhuam cò bha
Dèanamh iùil orr’ air an toiseach:
Rìghinn an locha, ’n eala bhàn.
“Guile gì guile gò, guile gì guile gò
Turas mo dhunaidh guile gì
thug mi dh'Èirinn guile gò”
Bha seo air feasgar Dihaoine,
Bha mo smaointean air Dimàirt,
Chaill mi mo chuid nì ’s mo dhaoine
Bliadhn’ on Aoine sin gu bràth.
“Guile gì guile gò, guile gì guile gò
Sgeula mo mhulaid, guile gì
mo chruaidh lèireadh, guile gò”
Ma chì thu eala air Disathairn’
Moch sa mhadainn fhaoilidh, thràth,
Cinnidh do chuid nì ’s do dhaoin’,
Do bhuar cha chaochail iad a-ghnàth.
Duration:
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Unknown | Julie Fowlis |
This clip is from
More clips from Episode 2
-
Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Òran Na Curracaig
Duration: 02:26
-
Maighread Stiùbhart - A’ Bhean Eudach
Duration: 04:03
-
Seumas Greumach - Òran Cladaich
Duration: 03:45
-
Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Òran Na Leirge Ruaidh
Duration: 03:13
More clips from Innsean an Iar - Hebrides
-
Maighread Stiùbhart - Òran na Bèiste-Duibhe—Episode 1
Duration: 02:59
-
Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Sìth na Doire—Episode 4
Duration: 04:31
-
Seumas Greumach - Sguaban Arbhair—Episode 4
Duration: 03:42
-
Maighread Stiùbhart - Iorram Suirghe—Episode 4
Duration: 03:39