Main content

Maighread Stiùbhart - Òran na Bèiste-Duibhe

Margaret Stewart - Òran na Bèiste-Duibhe

Latha dhomh fhìn an càrn ‘Creag a’ Chruinn’
feitheamh nan tonn gàireach
chunna mi bhiast, dh’èalaidh mi sìos,
’s fhuair mi gu fìor àite.

Chunna mi bhiast dh’èalaidh mi sìos,
'S fhuair mi gu fìor àite;
Chuir mi rim shùil a’ Spàinneach nach d’ dhìult
’S dh’fhàg mi gu lùth‐snàmh i.

Chuir mi rim shùil a’ Spàinneach nach d’ dhiùilt
’S dh’fhàg mi gu lùth-snàmh i.
Earbag nan tonn, mhinich-shnàigeach, dhonn,
phliutagach, chrom, spàgach!

Earbag nan tonn, mhinich-shnàigeach dhonn,
phliutagach, chrom, spàgach!
Thèid thu dhan ghrunnd eadar-dha-lionn
’s thig thu os cionn sàile

Thèid thu dhan ghrunnd eadar-dha-lionn
’s thig thu os cionn sàile
’S na faighinn‐sa còir air tè ’n earbaill mhòir
daonnan san lòn shàile,

’S na faighinn‐sa còir air tè’ n earbaill mhòir
daonnan san lòn shàile,
’n t‐seann tè mhòr ghlic, shìos ud fo lic,
’s bha mi gun fhiost’ làmh rith’!

’N t‐seann tè mhòr ghlic, shìos ud fo lic,
’S bha mi gun fhiost’ làmh rith’.
’S nach gòrach an nì dhòmhsa bhith strì
’g òl far am bi ’n tàilleir:

Nach gòrach an nì dhòmhsa bhith strì,
’g òl far am bi ’n tàilleir:
Mise le m’ lìn ’s esan air tìr
’G obair le chrì-shnàthaid.

Release date:

Duration:

3 minutes