Clà raidhean Polly Hitchcock
Sgeulachd mu na chlà r a' bhan-Ameireaganach Polly Hitchcock sna h-eileanan anns na 1950an. The American, Polly Hitchcock's recordings in the islands in the 1950s.
Ann an 1951, thà inig ban-Ameireaganach a dh'fhuireach sna h-eileanan airson ùine ghoirid. B' ise Polly Hitchcock agus na cois thug i inneal-clà raidh, ùidh ann an ceòl is dualchas nan eilean, agus miann cuid de na h-eileanaich a chlà radh.
'S ann an taigh an dotair ann an Dalabrog a chlà r i a' mhòr-chuid - òrain, puirt air a' phìob, òrain luaidh - agus chaidh clà r le cuid de na thog i fhoillseachadh ann an 1952, às dèidh dhi tilleadh do na Stà itean. Eadar Iain Ruadh, An Eòsag, Iain Pheadair, Eà irdsidh agus Ceit NicDhòmhnaill, Rena NicIllEathain is gu leòr eile, abair gur e clà r air leth a th' ann ri èisteachd an-diugh.
Ach mar a tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ag ionnsachadh sa phrògram sa, tha gu leòr eile ann a chlà r i is a bha glaiste ann an tasglann an Smithsonian Institute ann an Washington gu seo.
'S i Rona Lightfoot aon tè a tha ga lorg fhèin is a pà rantan sna clà ran; agus tha Cailean MacIllEathain - mac an Dotair MhicIllEathain aig a robh Polly a' dèanamh a clà raidhean - a' bruidhinn air mar a bhiodh a mhà thair, Rena, a' cuimhneachadh air Hitchcock, is i fhèin a' seinn air a son. Cluinnidh sinn cuideachd bho theaghlach Polly Hitchcock fhèin ann an Ameireaga.
Sùil is sealladh air leth air Uibhist a Deas o chionn 70 bliadhna, agus na thà laidh seinneadair Ameireaganach a thaigh an dotair ann an 1951.
Last on
Broadcasts
- Mon 21 Oct 2024 15:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 23 Oct 2024 20:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Oct 2024 10:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal