Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Saidealan Starlink, sgrìobhaidhean Jackie Kay, agus mar a chleachdas tu còrran sa chidsin. Starlink satellites, Jackie Kay's writing, and how to make best use of kitchen leftovers.

Chaidh rabhadh gu bheil na saidealan Starlink - lìonradh de chòrr air 7000 saideal a tha a' craoladh an eadar-lìon air feadh an t-saoghail - a' toirt buaidh air na chì daoine de na speuran le prosbaig. Ach dè th' ann an Starlink; ciamar a tha e ag obair; agus carson a tha e na thrioblaid do luchd-amharc nan reultan? Tha Iain MacIlleathain e fhèin gu math dèidheil air a bhith a' coimhead tron phrosbaig, is tha e ag innse dha Cathy mun chùis.

Cluinnidh sinn mun bhàrd Jackie Kay, agus na gnothaichean aice a tha a-nise rim faighinn ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, bho Phàdraig MacAoidh. Ach carson a tha tasglann a leabharlann cudromach co-dhiù? Bruidhnidh Cathy cuideachd ri Alison Laing, Aonghas Phàdraig Caimbeul, agus Fiona NicChoinnich mu na tha iadsan air dèanamh leis.

Agus le prògram ùr air a' BhBC a' moladh dhuinn uile an tuilleadh feum a dhèanamh de chòrran a bhidhe sa chidsin - ciamar a nì sinn sin? Tha na còcairean Ùisdean MacLeòid agus Seonag Nic a' Ghobhainn a' beachdachadh air na bhios iad fhèin a' dèanamh, agus prògram ùr Nadiya Hussein - Cook Once, Use Twice.

29 days left to listen

57 minutes

Last on

Yesterday 22:25

Broadcasts

  • Yesterday 09:00
  • Yesterday 22:25