Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

'S e an t-Oll. Will Lamb bho Oilthigh Dhùn Èideann cèiliche na seachdain. Professor Will Lamb from the University of Edinburgh is this week's guest.

Tha iomagain air feadh na Rìoghachd Aonaichte le mar a tha Harland & Wolff, companaidh togail shoithichean is innleadaireachd ainmeil, air a dhol ann an rianachd. Am measg nan gàrraidhean aca tha Gàrradh Àranais ann an Leòdhas - ach cò às a thàinig a' chompanaidh sa, agus ciamar a tha iad air an ìre a tha seo a ruighinn? Tha an sgeulachd aig an fhear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach.

Cluinnidh sinn bhon Oll. Dùghlas Moireasdan aig Oilthigh Ghlaschu mu mar a tha drugaichean antibiotic a' tòiseachadh a' fàs nas laige an aghaidh nan galairean a bha iad uaireigin a' smachdachadh,

Agus 's ann a Dhùn Èideann a tha sinn a' dol airson cèiliche na seachdain - an t-Oll. Will Lamb. Buinnidh Will do Bhaltimore sna Stàitean Aonaichte bho thùs, ach ciamar a thàinig e chun na Gàidhlig agus e an-diugh ag obair ann an Roinn Ceiltis is Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann? Cluinnidh sinn cuideachd mun leabhar gràmair ùr a tha e air fhoillseachadh, agus mun obair chudromach ris a bheil e a tha a' toirt air coimpiutairean tàr-sgrìobhainn a dhèanamh de ghuthan Gàidhlig.

28 days left to listen

57 minutes

Last on

Wednesday 22:25

Broadcasts

  • Wednesday 09:00
  • Wednesday 22:25