Còmhla ris an Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais
Còmhla ris an Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Eaglais Ghairbraid, Glaschu. Gaelic service conducted by Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Church of Scotland, Glasgow.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Salm 40 agus a' seinn tha Còisir Bhaile Ghobhainn ann an Glaschu
Donaidh Murdo MacLeòid a' seinn Ciad Domhainn Grà dh an Athair Dhuinn
Mise Dia na Muir 's na Speur le Còisir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh
Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh
Leughaidhean:
Isaiah 6: 1-8
Romanaich 8: 12-17
Eòin 3: 1-17
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair ann an Roinn an Ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air Eaglais Gairbraid ann an sgìre Maryhill an Glaschu. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire air Comataidh Ghà idhlig na h-Eaglaise.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn Na Buddies, sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntà ta, cà l agus currain - mar a thuirt e fhèin, "dìreach mar Fiollagan".
Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus 's caomh leis a bhith a' tilleadh ann airson saor-là ithean.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluiche na pìob agus a' coimhead Laurel and Hardy.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Sun 2 Jun 2024 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Jun 2024 15:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal