Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Seonaidh A MacGuaire

Seirbheis còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire, èildear ann an Eaglais na h-Alba an Uibhist a Tuath. Gaelic service with John A MacQuarrie, elder, Church of Scotland, North Uist.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, laoidhean agus an leughadh a leanas:

Salm 09: 9-10 air fonn Bangor agus 's e Murchadh MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chrow Road ann an Glaschu.
Salm 63: 2-3 air fonn London New agus 's e Dòmhnall Macleòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 45: 12-14 air fonn Bedford agus 's e Iain MacBheathain a tha os cionn na seinn bhon a' chlàr Sailm à Uibhist a Tuath.

Leughadh: Lùcas 23: 26-38
Ceann-teagaisg: Lùcas 23: 34

Rugadh agus thogadh Seonaidh Ailig MacGuaire ann an Solas, Uibhist a Tuath. Fhuair e foghlam ann an Sgoil Dhùn Sgealair agus Sgoil Phaibeil ann an Uibhist, agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a thòisich e air cosnadh, bha e ag obair aig Alginate Industries far an robh e an sàs ann an obair feamainn. Chuir e seachad seachd bliadhna fichead ag obair eadar Roinn Taigheadais Chomhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall. Às dèidh a dhreuchd aig HHP a leigeil seachad, phòs e agus ghluais e a dh'Inbhir Nis. 'S ann air croit a rugadh 's a thogadh e agus bidh e ann an Uibhist gu math tric agus ri obair fearann còmhla ri bhràthair. Thàinig atharrachadh na bheatha bho chòrr is deich bliadhna fichead agus thòisich e air beagan searmonachaidh a' dhèanamh bho chionn fichead bliadhna. Tha Seonaidh Ailig na èildear ann an Eaglais Chille-Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 26 May 2024 09:00
  • Sun 26 May 2024 15:00
  • Sun 1 Sep 2024 09:00
  • Sun 1 Sep 2024 15:00