Main content
This programme is not currently available

Calum MacFhearghais - na Fhacail Fhèin

A' cuimhneachadh air Calum MacFhearghais, na fhacail fhèin. Còmhla ri Annella Nicleòid. Remembering the late Calum Ferguson, in his own words. With Annella Macleod.

B’ e sgrìobhadair, craoladair, tidsear, eachdraiche, ‘s seanchaidh a bh’ ann an Calum MacFhearghais - ach os cionn a h-uile càil a bha sin b’ e Rubhach a bh’ ann. Bhàsaich Calum, Calum Bhob mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e am Port Mholair far na rugadh e, san Dàmhair am-bliadhna aig aois 93.

Às dèidh greis a thoirt ann a Sgoil Ealain Ghlaschu, thug e a-mach ceum an Oilthigh Obair Dheathain 's bha e a' teagasg am Preastabhaig, am Baile Udain agus ann Ceann Loch Goill. Bha e am measg grunn thidsearan a biodh a‘ comhairleachadh a’ BhBC a thaobh stuthan teagasg agus ann an 1962 fhuair e obair mar riochdaire phrògraman sgoiltean ag obair air sreathan lethid ‘Exploring Scotland’ agus ‘Stories from Scottish History’ air rèidio. Fhuair e cothrom an uair sin a dhol gu telebhisean ann a Lunnainn a dh'obair air Play School ann a 1972 còmhla ri Cynthia Felgate. Ri linn a shlìante, thill e a dh’Alba agus fhuair e obair aig Oilthigh Shrath Chluaidh a’ clàradh bhideothan airson stuthan teagasg, agus an uairsin fhuair e obair mar cheannard air an aon roinn an Oithigh Ghlaschu.

Ann an 1990 thill e a Leòdhas 's thòisich e companaidh telebhisean, Lòchran, agus am measg na rinn e bha am prògram iomraiteach Am Pòsadh Hiortach airson a' BhBC. Às dèidh dha sin a leigeil seachad b' ann gu sgrìobhadh a thionndaidh e agus bha Hiort far na Laigh a’ Ghrian, Lewis in the Passing, Children of the Blackhouse, Soolivan agus Casan Searraich air leabhraichean a thàinig bhuaithe.

A seo tha Annella Nicleòid, a chlàr grunn shreathan rèidio còmhla ris, a' toirt dhuinn dealbh air Calum le a bhith dol tro na sreathan sin agus a' togail asta criomagan de na cuspairean a bha cudromach dha fhèin.

57 minutes

Last on

Sun 31 Dec 2023 13:05

Broadcasts

  • Christmas Day 2023 14:00
  • Sun 31 Dec 2023 13:05