An Dr Fionnlagh Macleòid - na Fhacail Fhèin
A' cuimhneachadh air an Dr Fionnlagh Macleòid, na fhacail fhèin. Còmhle ri Annella Nicleòid. Remembering the late Dr Finlay Macleod, in his own words. With Annella Macleod.
Nuair a chaochail an Dr Fionnlagh Macleòid, Fionnlagh a' Ghruagain à Adabroc an Nis a Leòdhas, aig toiseach na Samhna, chaill saoghal na Gà idhlig fìor churaidh. Bha Fionnlagh an luib foghlam, foillseachadh agus craoladh na Gà idhlig; bha e am measg na stèidhich a' chompanaidh foillseachaidh Acair, colaiste na Gà idhlig Sabhal Mòr Ostaig agus bha e a' teagasg ann a Sgoil Shiaboist mus deach e na chomhairlaiche foghlaim aig Comhairle nan Eilean.
B' e saic-eòlaiche a bh' ann agus bha sin follaiseach na sgrìobhadh, eadar na deilbh-chluich, sgeulachdan goirid agus an nobhail a sgrìobh e. Sgrìobh e cuideachd mu na caibeill, na tobraichean slà inte agus fir-tà ilieisg Leòdhais am measg iomadach cuspair eile. Bha tlachd mhòr aige ann an deilbh camara, ann an arc-eòlas agus a bhith a-muigh air mòinteach neo air trà igh.
Bha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh agus dualchas nan Eilean Siar agus Alba air fad, gu h-à raid sgìre Nis agus sgìre Ùig. Ach 's e an ùidh a bu mhotha a bh' aige, 's ann ann an daoine agus an seachas a bh' aca ri innse.
A seo tha Annella Nicleòid, a chlà r grunn shreathan rèidio còmhla ris, a' toirt dhuinn dealbh air Fionnlagh le a bhith dol tro na sreathan sin agus a' togail asta criomagan de na cuspairean a bha cudromach dha fhèin.
Last on
Broadcasts
- Christmas Day 2023 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Jan 2024 13:05Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal