Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1271
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1271. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 26 Nov 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 967
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1271
Duration: 04:59
Litir 1271: Loch Raineach (2)
An t-seachdain sa chaidh bha sinn ann an sgìre Raineach ann an Siorrachd Pheairt. Ghabh mi cuairt anns an loch ann an geòla rubair. An toiseach bha mi am beachd a dhol a-null gu crannag ann am meadhan an locha. Thòisich mi air an t-slighe ach dh’èirich a’ ghaoth, agus bha an loch gu math garbh.Â
Tha Loch Raineach an ìre mhath mòr. Bha a’ ghaoth a’ tighinn on à ird an ear. Aig a’ cheann an iar dheth, far an robh mise, bha an fhaoileag air an loch. Tha mi a’ ciallachadh le sin gun robh stuaghan mòra ann, agus cìrean geala orra. White horses ann am Beurla. The seagull ann an Gà idhlig!
Co-dhiù, math dh’fhaodte gun robh sin iomchaidh oir ’s e an t-ainm air an eilean, air an robh mi ag amas, Eilean nam Faoileag. Tha mi an dùil gun robh na h-eòin a’ neadachadh ann uair no uaireigin.
Bha mi air an rathad a-mach don eilean agus a’ dèanamh adhartas an aghaidh na gaoithe nuair a ghabh mi beachd às ùr air a’ ghnothach. Bha mi leam fhìn. Cha robh bà ta sam bith eile, ach curach no dhà , air bhog anns an loch. Nam biodh a’ gheòla agam air a cur bun-os-cionn le stuagh mòr, bhithinn ann an staing ann an uisge fuar. Cho-dhùin mi gun a bhith a’ leantainn orm chun an eilein. Bha e na bhriseadh-dùil ach tha mi fhìn agus an t-eilean fhathast ann am bith!
Ann am Beurla, canaidh feadhainn Tower Island ris an eilean oir tha tùr ann. Chithear an tùr gu furasta o bhruach an locha. Chaidh an tùr a thogail trà th anns an naoidheamh linn deug leis an uachdaran. Bha e na mhac-samhail air prìosan a thog fear de Chlann Dhonnchaidh ùine mhòr roimhe. A rèir beul-aithris chuir an trustar sin a bhean anns a’ phrìosan. Leig sin leis a bhith ag rà dh – le fìrinn – ri athar boireannach eile nach robh bean aige beò air talamh Albannach. Ge-tà , chan e Loch Raineach an t-aon à ite le sgeul dhen t-seòrsa sin!
Ach nach eil Eilean nam Faoileag ann an Alba? Uill, thà , ach chaidh a thogail le daoine. Chan e eilean nà darrach a th’ ann. Mhothaich mi air mo shlighe ga ionnsaigh gun robh an t-uisge eu-domhainn ann an à iteachan. Tha oitirean ann. Math dh’fhaodte gur e sin a dh’adhbharaich gun robh na stuaghan air an loch cho mòr.Â
Agus thug an eu-doimhne sin cothrom do dhaoine crannag a thogail ann. Thug sin tèarmann dhaibh nuair a bha iad ann an cunnart. Bha nà dar de chabhsair air a thogail fon uisge don chrannaig bhon chladach a deas. Tha sin fada gu leòr – tha mu chòig ceud meatair eadar an cladach sin agus an t-eilean. Bhiodh an cabhsair a’ lùbadh a-null ’s a-nall. Bhiodh e doirbh do dhuine nach robh eòlach air a shlighe a dhèanamh a-mach don eilean. A rèir beul-aithris bha cuid de Chloinn ’ic Ghriogair a’ cleachdadh Eilean nam Faoileag mar thèarmann nuair a bha an stà it gan tomhas mar eucoirich.
Tha cunntas ann mu fhear a chuir seachad oidhche anns an tùr. Cha do chòrd e ris idir. Math dh’fhaodte nach robh ann ach fuaim na gaoithe no sgarrghail nam faoileag a chuir dragh air. Ach tha feadhainn a’ cumail a-mach gu bheil taibhsean gu leòr ann an Eilean nam Faoileag.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Raineach: Rannoch; stuaghan: waves; cìrean geala: white crests; leam fhìn: by myself; curach: canoe; air bhog: afloat; trustar: rascal; oitirean: sandbanks/gravel banks; eu-doimhne: shallowness; tèarmann: refuge; taibhsean: ghosts.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: cuairt anns an loch ann an geòla rubair: a trip on [in] the loch in a rubber dinghy; dh’èirich a’ ghaoth: the wind came up; an ìre mhath mòr: reasonably large; aig a’ cheann an iar dheth: at its western end; bha an fhaoileag air an loch: there were white horses (white-capped waves) on the loch; math dh’fhaodte gun robh sin iomchaidh: perhaps that was appropriate; gun robh na h-eòin a’ neadachadh ann uair no uaireigin: that the birds were nesting there at some time or other; a’ dèanamh adhartas an aghaidh na gaoithe: making progress against the wind; nuair a ghabh mi beachd às ùr: when I reconsidered; nam biodh a’ gheòla agam air a cur bun-os-cionn: if my dinghy were turned upside-down; bhithinn ann an staing: I would be in a difficult situation; cho-dhùin mi gun a bhith a’ leantainn orm chun an eilein: I decided not to continue to the island; bha e na bhriseadh-dùil: it was a disappointment; bha e na mhac-samhail air prìosan a thog fear de Chlann Dhonnchaidh ùine mhòr roimhe: it was the likeness of a prison that one of the Robertsons built a long time before; nach robh bean aige beò air talamh Albannach: that he didn’t have a wife alive on Scottish soil; mhothaich mi air mo shlighe ga ionnsaigh gun robh an t-uisge eu-domhainn: I noticed on my journey towards it that the water was shallow; bha nà dar de chabhsair air a thogail fon uisge don chrannaig bhon chladach a deas: a sort of causeway was built under the water to the crannog from the southern shore; a’ lùbadh a-null ’s a-nall: twisting this way and that; math dh’fhaodte nach robh ann ach fuaim na gaoithe no sgarrghail nam faoileag a chuir dragh air: perhaps it was only the noise of the wind or the screaming of the gulls that upset him.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bha mi am beachd a dhol a-null gu crannag: I was intending going over to a crannog. Tha mi am beachd means ‘I am intending or considering’ whereas tha mi dhen bheachd means ‘I am of the opinion’. Bha mi dhen bheachd gun robh an loch ro gharbh airson cumail a dol.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: An t-seachdain sa chaidh: last week. Can also be written (and said) an t-seachdain seo chaidh. Sa represents seo.
Broadcast
- Sun 26 Nov 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.