Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1270
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1270. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 19 Nov 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 966
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1270
Duration: 05:00
Litir 1270: Loch Raineach (1)
As t-samhradh sa chaidh bha mi air ais ann an sgìre Raineach ann an Siorrachd Pheairt. Tha mi air a bhith anns an sgìre sin grunn tursan, ach roimhe seo cha robh mi air a bhith ann an Stèisean Rèile Raineach. Chuir mi sin ceart an turas seo. Tha an stèisean gu math iomallach, ged a tha e air an rathad-iarainn eadar Glaschu agus An Gearasdan.Â
Carson a bha mi ann? Uill, bha mi a’ toirt lioft do chuideigin a bha a’ dol a chur seachad an latha ann an sgìre eadhon nas iomallaiche. ’S e an ath stèisean air an ±ô´Ç¾±»å³ó²Ô±ð-°ùè¾±±ô±ð, taobh a’ Ghearasdain de Raineach, Stèisean a’ Choire Odhair. Chan eil rathad ceart a’ dol ann ach tha ostail òigridh faisg air là imh agus tha taigh-bìdh aig an stèisean fhèin. Bidh daoine a’ falbh ’s a’ tighinn air an trèana.Â
Leis gum bithinn ann an sgìre Raineach fad an latha, shaoil mi gum biodh e tlachdmhor falbh a-mach air Loch Raineach ann am bà ta. Agus thug mi bà ta leam! Uill, cha robh ann ach geòla rubair a tha mòr gu leòr airson aon duine.Â
Stad mi air a’ chladach aig ceann an iar Loch Raineach, far an robh trà igh-ghainmhich, agus chuir mi am bà ta a dh’at le pumpa. Cheangail mi an dà rà mh ris, chuir mi seacaid-shà bhalaidh orm agus dh’fhalbh mi air fleod. B’ fheudar dhomh faighinn seachad air lach agus a h-iseanan nach robh toilichte gun robh mi air an trà igh aca!
Rinn mi aon mhearachd ge-tà . Cha do chuir mi stuth-grèine air mo chasan airson an dìon an aghaidh solas na grèine. Bha briogais ghoirid orm agus chaidh mo chasan a losgadh leis a’ ghrèin.
Co-dhiù, chaidh mi an toiseach gu eilean air a bheil, air na mapaichean, Eilean Beul na Gaoire. Tha Beul sgrìobhte mar B-E-A-L air mapaichean an latha an-diugh ach bha e sgrìobhte mar B-E-U-L air na seann mhapaichean. Chanainn gu bheil an t-eilean mu acaire ann am meud. Tha e doirbh dèanamh a-mach an robh daoine riamh a’ fuireach ann oir tha e còmhdaichte an-diugh le preaslach de sheilich a tha gu math tiugh. Agus seo pìos beag fiosrachaidh nach toir mi seachad do dhuine ach luchd-leughaidh na Litreach – tha trà igh-ghainmhich bheag anns an eilean a tha fìor math airson snà mh!
Bha mi a’ gabhail iongnadh mu ainm na h-aibhne. Mar a shaoileas sibh, tha an t-eilean aig beul aibhne. ’S e River Gaur a th’ oirre mar ainm, co-dhiù a rèir mapaichean an latha an-diugh. Ach dè a’ Ghà idhlig air sin? Uill, bha cuid de na seann mhapaichean ag innse dhuinn gur e Abhainn Gaoire a bh’ oirre.
Shaoileadh sibh, le sin, gu bheil ainm na h-aibhne co-cheangailte ris an fhacal gaoir. Tha faclair Dwelly ga mhìneachadh mar ‘loud and continuous murmuring sound’.
Ge-tà , tha an t-eòlaiche, Uilleam MacBhà tair, ag rà dh gur e Gamhar – G-A-M-H-A-R a th’ air an abhainn mar ainm. Tha MacBhà tair dhen bheachd gu bheil Gamhar na dhreach Gà idhlig air ainm à rsaidh Ceilteach. Tha e a’ ciallachadh ‘uisge geamhraidh’ no ‘wintry stream’ leis gum biodh an abhainn a’ dol na tuil nuair a bhiodh sneachd a’ gheamhraidh a’ leaghadh. Dh’fhà g sin ceist nam cheann – am bu chòir don eilean a bhith ainmichte mar Eilean Beul a’ Ghamhair no Eilean Beul na Gamhair, seach Eilean Beul na Gaoire?Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Raineach: Rannoch; Siorrachd Pheairt: Perthshire; Stèisean Rèile Raineach: Rannoch Station; iomallach: remote, peripheral; tlachdmhor: pleasurable; Uilleam MacBhà tair: William J Watson; à rsaidh: ancient.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: eadhon nas iomallaiche: even more remote; ’s e an ath stèisean air an ±ô´Ç¾±»å³ó²Ô±ð-°ùè¾±±ô±ð, taobh a’ Ghearasdain de Raineach, Stèisean a’ Choire Odhair: the next station on the railway line, on the Fort William side, is Corrour Station; tha ostail òigridh faisg air là imh agus tha taigh-bìdh aig an stèisean fhèin: there is a youth hostel nearby and there is a restaurant at the station itself; cha robh ann ach geòla rubair a tha mòr gu leòr airson aon duine: it was just a rubber dinghy that was big enough for one person; chuir mi am bà ta a dh’at le pumpa: I pumped up the boat with a pump; chuir mi seacaid-shà bhalaidh orm agus dh’fhalbh mi air fleod: I donned a lifejacket and went afloat; b’ fheudar dhomh faighinn seachad air lach agus a h-iseanan: I had to get past a duck and her ducklings; cha do chuir mi stuth-grèine air mo chasan: I didn’t put sunblock on my legs; chaidh mo chasan a losgadh: my legs were burned; mu acaire ann am meud: about an acre in extent; còmhdaichte an-diugh le preaslach de sheilich a tha gu math tiugh: covered today by willow scrub that is extremely dense; shaoileadh sibh, le sin, gu bheil ainm na h-aibhne co-cheangailte ris an fhacal: you’d think, with that, that the river’s name is connected to the word; leis gum biodh an abhainn a’ dol na tuil nuair a bhiodh sneachd a’ gheamhraidh a’ leaghadh: because the river would flood [was becoming a flood] when the winter snow was melting.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ged a tha e air an rathad-iarainn eadar Glaschu agus An Gearasdan: although it is on the railway line between Glasgow and Fort William. Although the usual phrase today for ‘railway line’ is ±ô´Ç¾±»å³ó²Ô±ð-°ùè¾±±ô±ð, I have here used the old term which you will still sometimes hear. Rathad-iarainn literally means ‘iron road’ and was used initially when railway lines were constructed in the Highlands.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Leis gum bithinn ann an sgìre Raineach fad an latha: because I would be in Rannoch all day.
Broadcast
- Sun 19 Nov 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.