Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1254
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1254. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 30 Jul 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 950
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1254
Duration: 05:00
Litir 1254: Bà rr Èibhinn (1)
Faisg air Cùil Lodair, taobh a-muigh Inbhir Nis, tha baile-fearainn air na mapaichean air a bheil ‘Blacktown’. Thathar ag rà dh gu bheil an t-ainm na eadar-theangachadh dhen Ghà idhlig ‘Am Baile Dubh’. Faisg air a’ Bhaile Dhubh bha tobar a bha uaireigin ainmeil. Bha e air na seann mhapaichean aig an t-Suirbhidh Ã’rdanais agus ʼs e an t-ainm a bh’ air ‘Fuaran Mac Bhreac’.Ìý
Tha cunntas anns a’ Cheltic Magazine ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a sia (1876) a’ mìneachadh an ainm. Bha fear ann uaireigin air an robh ‘Mac Bhriachd’ mar ainm. ʼS iad an t-Suirbhidh Òrdanais a chuir an t-ainm ‘Mac Bhreac’ air. Co-dhiù, gabhaidh sinn fhèin ‘Mac Bhreac’ air, a chionn ʼs gur e sin a th’ air na mapaichean.
Bha am fear seo a’ fuireach ann am Bà rr Èibhinn air oighreachd Chaladair, beagan mhìltean sear air Cùil Lodair. Bha an taigh aige faisg air tobar às an tigeadh uisge fìorghlan. Bha leac air muin an tobair.
Feumaidh gun deach Mac Bhreac agus an t-uachdaran – Iarla Chaladair – a-mach air a chèile. Chaidh Mac Bhreac a chur às an taigh aige. B’ fheudar dha à ite-còmhnaidh ùr a lorg dha fhèin. Agus fhuair e sin faisg air Cùil Lodair far nach robh duine a’ fuireach aig an à m sin. Cha robh ann ach monadh dìomhain.
Bha là rach an taighe fada os cionn Uisge Narann agus cha robh allt no tobar ann. B’ fheudar do Mhac Bhreac falbh sìos don abhainn gach turas a bha uisge a dhìth air. Agus ʼs e obair throm a bh’ ann, a bhith a’ giùlan uisge suas am bruthach ann am peilichean gach turas.
Latha a bha seo, dh’fhalbh e sìos a dh’iarraidh uisge, ach bha tuil san abhainn. Bha an t-uisge salach. Bha Mac Bhreac air a shà rachadh leis a’ ghnothach agus dh’èigh e, ‘O! ’S e baile dubh dhòmhsa am baile seo!’ Cha robh e toilichte le bhith a’ fuireach ann. Co-dhiù, ʼs ann às a sin a fhuair am baile-fearainn aige an t-ainm ‘Am Baile Dubh’.
Lean Mac Bhreac air, ‘Ge-tà , bhithinn toilichte gu leòr a bhith a’ fuireach an seo nam biodh an tobar agam a bh’ agam roimhe fon lic ann am Bà rr Èibhinn.’ Uill, nuair a bha e a’ dìreadh a’ bhruthaich a dh’ionnsaigh an taigh aige, air dha sin a rà dh, mhothaich e gun robh fuaran ùr ann faisg air an taigh. Bha an t-uisge fìorghlan. Gu dearbh, bha blas air dìreach mar a bha blas an uisge anns an t-seann tobar aige ann am Bà rr Èibhinn.
Bha muinntir an à ite a’ gabhail ‘Fuaran Mac Bhreac’ air an fhuaran. Feumaidh gun robh Mac Bhreac toilichte an uair sin le bhith a’ fuireach anns a’ Bhaile Dhubh. Agus nuair a chaidh e air ais a thadhal air an t-seann dachaigh aige ann am Bà rr Èibhinn, bha an seann tobar aige air a dhol tioram!
Gu o chionn ghoirid, cha robh mi uabhasach eòlach air Bà rr Èibhinn. Mar sin, chaidh mi a choimhead air. Cha d’ fhuair mi lorg air an à ite far an robh Mac Bhreac a’ fuireach. Ach lorg mi dà rud a bha iongantach – seann eaglais agus clach ainmeil a tha mòr agus trom. Tha a’ chlach co-cheangailte ri gnothach gu math olc. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Cùil Lodair: Culloden; baile-fearainn: farm, fermtoun; uaireigin: at one time; Bà rr Èibhinn: Barevan; Caisteal Chaladair: Cawdor Castle; monadh dìomhain: an unused upland; tuil: a flood; salach: dirty; air a shà rachadh: fatigued, worn out; fuaran: spring; fìorghlan: pure; blas: taste.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Thathar ag rà dh gu bheil an t-ainm na eadar-theangachadh: it is said that the name is a translation; bha e air na seann mhapaichean aig an t-Suirbhidh Òrdanais: they were on the old maps of the Ordnance Survey; co-dhiù, gabhaidh sinn fhèin X air, a chionn ʼs gur e sin a th’ air na mapaichean: anyway, we’ll call him X because that’s what’s on the maps; faisg air tobar às an tigeadh uisge fìorghlan: near a well from which pure water would come; bha leac air muin an tobair: there was a flagstone on top of the well; feumaidh gun deach Mac Bhreac agus an t-uachdaran – Iarla Chaladair – a-mach air a chèile: Mac Bhreac and the landlord – the Earl of Cawdor – must have fallen out with each other; chaidh X a chur às an taigh aige: X was put out of his house; b’ fheudar dha à ite-còmhnaidh ùr a lorg dha fhèin: he had to find a new dwelling place for himself; bha là rach an taighe fada os cionn Uisge Narann: the site of the house was far above the River Nairn; a’ giùlan uisge suas am bruthach ann am peilichean gach turas: carrying water up the slope in pails every time; ’s e baile dubh dhòmhsa am baile seo: this ‘town’ is a ‘black town’ to me; a’ dìreadh a’ bhruthaich a dh’ionnsaigh an taigh aige: ascending the slope towards his house; air dha sin a rà dh: after him saying that; nuair a chaidh e air ais a thadhal air an t-seann dachaigh aige: when he went back to visit his old house; bha an seann tobar aige air a dhol tioram: his old well had gone dry; co-cheangailte ri gnothach gu math olc: connected to a very evil practice.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: nam biodh an tobar agam a bh’ agam roimhe fon lic ann am Bà rr Èibhinn: if I had the well that I had before under the flagstone in Barevan. Leac is a feminine noun. It thus traditionally slenderises in the singular dative or prepositional case where an article is present. Thus, rather than fon leac, we say fon lic.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: dh’fhalbh e sìos a dh’iarraidh uisge: he went down to fetch water.
Broadcast
- Sun 30 Jul 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.