Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1252
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1252. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 16 Jul 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 948
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1252
Duration: 05:00
Litir 1252: Caisteal Chill RÃ thaig (1)
A bheil sibh eòlach air Caisteal Chill Rà thaig? Tha e eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Ach chan eil e furasta fhaicinn. Cha chreid mi gum faicear e bho rathad mòr sam bith. A dh’aindeoin ʼs nach eil e cho ainmeil an-diugh, tha eachdraidh mhòr aige, gu h-à raidh ann an co-cheangal ri ar-a-mach nan Seumasach anns an ochdamh linn deug.
Ann am Beurla, canaidh daoine ‘Kilravock Castle’ ris. Tha an t-ainm air fhuaimneachadh ‘kil-ROK’, ach tha e air a sgrìobhadh K-I-L-R-A-V-O-C-K. Anns an treas linn deug, bha e air a sgrìobhadh ‘Culravock’. Mar sin, ged a tha coltas air an ainm gur e ‘Cill Rà thaig’ a th’ ann – ‘the church at the small circular fort’ - ʼs dòcha gur e ‘Cùl’ a bu chòir a bhith ann an à ite ‘Cill’. Math dh’fhaodte ‘the place behind the small circular fort’.
 Tha e coltach gun robh ‘bh’ anns an dà rna eileamaid, air fhuaimneachadh mar ‘v’. Ach mun à m a ruigeas sinn an còigeamh linn deug, ʼs e ‘w’ a chithear an à ite ‘v’ anns an ainm. Agus an uair sin, tha eadhon an ‘w’ a’ falbh. Tha mapa ann an Leabharlann Nà iseanta na h-Alba a chaidh a tharraing ri chèile goirid an dèidh Blà r Chùil Lodair. Air a’ mhapa sin, tha an caisteal air a chomharrachadh, le ainm air a sgrìobhadh C-U-L-R-A-I-C-K. ‘Cùl Rà thaig’ an à ite ‘Cill Rà thaig’, math dh’fhaodte. Tuilleadh mun mhapa sin ann am mionaid no dhà .
Ach beagan mun chaisteal an toiseach. Tha e na thogalach drùidhteach. Tha tùr còig-ùrlarach ann. Tha e letheach slighe eadar dà chaisteal chudromach eile – Caisteal Dhealgan Ros (Dalcross Castle) agus Caisteal Chaladair (Cawdor Castle). Tha Caisteal Chill Rà thaig suidhichte air mullach droma gu tuath air Uisge Narann. Tha an oighreachd gu math torrach, le measgachadh de dh’achaidhean, pà ircean agus coille oirre.
Tha an caisteal fhathast na sheasamh, le daoine a’ fuireach ann. Ach tha e a’ dol air ais gu ceithir cheud deug is seasgad (1460). Gu o chionn ghoirid, bha e ann an là mhan an aon teaghlaich fad na h-ùine sin – na Ròsaich no Roses.
Dh’fhàs Caisteal Chill Rà thaig rudeigin ainmeil ann an co-cheangal ri Blà r Chùil Lodair. Tha e air a shealltainn air mapa a chaidh a tharraing ri chèile goirid an dèidh a’ bhlà ir, ann an seachd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1746) le fear Iain MacFhionnlaigh. Bha MacFhionnlaigh a’ toirt taic do na Seumasaich, ach chan eil adhbhar ann a bhith a’ smaoineachadh nach eil am fiosrachadh air a’ mhapa an ìre mhath ceart.
Carson a tha Caisteal Chill Rà thaig cho cudromach anns a’ ghnothach seo? Uill, mar a tha MacFhionnlaigh a’ sealltainn air a mhapa, an oidhche ron bhatail ainmeil, chaidh armailt Sheumasach a dh’ionnsaigh Inbhir Narann. Sin far an robh armailt mhòr an riaghaltais a’ campachadh.Â
Bha na Seumasaich a’ dol a thoirt ionnsaigh orra. Ach stad iad mus do rà inig iad Inbhir Narann agus thill iad a Chùil Lodair. Tha gu leòr dhen bheachd gur e an ‘caismeachd-oidhche’ sin as coireach gun do chaill iad aig Cùil Lodair. Agus cà ite an do thionndaidh iad? Thionndaidh dìreach gu tuath air Caisteal Chill Rà thaig.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Caisteal Chill Rà thaig: Kilravock Castle; math dh’fhaodte: perhaps; Dealgan Ros: Dalcross; Caladair: Cawdor; torrach: fertile; Blà r Chùil Lodair: The Battle of Culloden; Iain MacFhionnlaigh: John Finlayson; an ìre mhath ceart: pretty much correct.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: gu h-à raidh ann an co-cheangal ri ar-a-mach nan Seumasach: particularly in connection with the Jacobite rebellion; mun à m a ruigeas sinn an còigeamh linn deug: about the time we reach the fifteenth century; tha mapa ann an Leabharlann Nà iseanta na h-Alba a chaidh a tharraing ri chèile goirid an dèidh Blà r Chùil Lodair: there is a map in the National Library of Scotland that was drawn up shortly after the Battle of Culloden; tha an caisteal air a chomharrachadh: the castle is marked; tha e na thogalach drùidhteach: it’s an impressive building; suidhichte air mullach droma gu tuath air Uisge Narann: situated on the top of a ridge north of the River Nairn; chan eil adhbhar ann a bhith a’ smaoineachadh nach eil am fiosrachadh air a’ mhapa an ìre mhath ceart: there is no reason to be thinking that the information on the map is not substantially correct; ann an là mhan an aon teaghlaich fad na h-ùine sin: in the hands of the same family all that time; chaidh armailt Sheumasach a dh’ionnsaigh Inbhir Narann: a Jacobite army went towards Nairn; far an robh armailt mhòr an riaghaltais a’ campachadh: where the great government army was camped; tha gu leòr dhen bheachd gur e an ‘caismeachd-oidhche’ sin as coireach gun do chaill iad aig Cùil Lodair: many people reckon that the ‘night-march’ was responsible for them losing at Culloden; thionndaidh dìreach gu tuath air X: [they] turned just north of X.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Cha chreid mi gum faicear e: I don’t think it can be seen. Literally, this means ‘I don’t think (or believe) it will be seen’ but the future tense of the irregular verb ‘f²¹¾±³¦â€™ (see) is also used to mean ‘can see’. Chì mi na beanntan can mean ‘I will see the mountains’ or ‘I can see the mountains’ (context will differentiate the two). This also operates with passive verbal forms e.g. chithear na beanntan ‘the mountains can be seen’; tha mi an dùil gum faicear na beanntan ‘I expect the mountains will be [able to be] seen’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: rudeigin ainmeil: somewhat famous.
Broadcast
- Sun 16 Jul 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.