Main content
This programme is not currently available

Ulaidhean Nis

Na h-ulaidhean bho Linn an Umha, 3000 bliadhna a dh' aois, a tha air tilleadh a sgìre Nis. The 3000-year-old Bronze Age treasures returning to Ness.

Bho chionn còrr air 100 bliadhna, chaidh nithean annasach bho Linn an Umha an lorg ann an sgìre Nis, an Eilean Leòdhais. Tha iad a-nise air tilleadh gu taisbeanadh ann an Comunn Eachdraidh Nis - ach dè th' unnta, agus ciamar a chaidh an lorg? Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn aig fosgladh an taisbeanaidh, agus a-muigh far an deach cuid de na h-ulaidhean a lorg, airson an tuilleadh ionnsachadh.

B' ann sa bhliadhna 1891 a lorg Murchadh MacÌomhair claidheamh 3000 bliadhna a dh' aois anns an Àird; agus dhà na thrì mhìosan às dèidh sin, fhuair e pàirt de chlaidheamh eile san aon àite. Bhon uairsin b' e Murchadh a' Chlaidheimh a bh' aig daoine air, ach chaidh an claidheamh a Dhùn Èideann, is chan eil an sgeulachd sgrìobhte sna leabhraichean eachdraidh air mar a fhuair Murchadh e air a bhith buileach ceart. Tha an claidheamh a-nise air tilleadh ge-tà, agus tha Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn is Eilidh Ghreumach ag innse mar a chuala iad fhèin far an deach a lorg - aig an dearbh làrach far an d' fhuair Murchadh e.

Tha Coinneach cuideachd a' bruidhinn ri feadhainn a tha càirdeach dha Dòmhnall Moireach, a lorg Ulaidh Adabroc sa mhòine ann an 1910 - stòras de làmhaighean umha, grìogagan ambair agus glainne, agus grìogag òr cuideachd. Tha Màiri Catrìona Chaimbeul agus Dolina Mhoireach ag innse mar a dh'fhan a' sgeulachd anns an teaghlach aca fhèin, leis gur e Dòmhnall bràthair an seanair, agus a' chuimhne th' acasan air far an deach an lorg.

Sin agus beachdan bhon Dr Fionnlagh MacLeòid a dh'fhosgail an taisbeanadh, an Dr Mata Knight bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, agus cuid eile dha na Nisich a thàinig a-mach chun Chomunn Eachdraidh aca, nuair a chaidh an taisbeanadh sònraichte sa fhosgladh.

Còirichean nan dealbh glèidhte aig Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

30 minutes

Last on

Wed 3 Jan 2024 15:30

Broadcasts

  • Mon 15 May 2023 15:30
  • Wed 17 May 2023 20:00
  • Sun 21 May 2023 10:00
  • Wed 3 Jan 2024 15:30