Johnny agus na Barraich
Cuimhneachain air an neach-reic Johnny, Abdul Karim, 's a theaghlach a' tadhal am Barraigh. Fond memories of Johnny, Abdul Karim, the late travelling salesman who visited Barra.
Ann an 2022, chuir Shari Rashid à Glaschu teachdaireachd air là rach facebook Eilean Bharraigh agus Bhatarsaigh a’ leigeil fìos gun robh i fhèin, a h-athair, a mà thair ‘s a peathraichean gu bhith a’ tadhal air an eilean. Abair gun do ghlac seo aire muinntir an eilein agus cha bheag na sgeulachadan is an còmhradh a thog e am measg nam Barraich nuair a sgaoil an naidheachd gun robh teaghlach a’ cheannaiche-siubhail Abdul Karim, neo Johnny mar a bh’ aig muinntir Bharraigh air, a’ tighinn.
Thà inig Abdul Karim, neo Johnny, a Bharraigh an tòiseach anns na seachdadan na cheannaiche-siubhail le chuid bhagaichean agus baidhsagal. Airson còrr is fichead bliadhna, shiubhail e iomadh mìle timcheall Barraigh is Bhatarsaigh, a’ tadhal air cha mhòr a h-uile dachaigh sna diofar bhailtean a’ creic aodach is eile agus, aig an aon à m, a’ togail cà irdeas is earbsa eadar e fhèin is muinntir an eilein.
B’ ann an Glaschu a bha dachaigh Abdul Karim às dèidh dha gluasad à Pagastà n ach mas do sguir e a thighinn a Bharraigh, agus leis cho faisg ‘s a dh’fhàs e air na daoine ‘s air an eilean, cha mhòr nach e Barrach a bh’ ann.
Cluinnidh sinn mun turas a ghabh teaghlach Johnny a Bharraigh agus na cuimhneachain bhlà th a th' aig muinntir an eilein air fhathast.
Last on
Broadcasts
- Mon 27 Feb 2023 15:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 1 Mar 2023 20:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Mar 2023 10:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- New Year's Day 2024 10:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal