Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1208
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1208. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 11 Sep 2022
13:50
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 904
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1208
Duration: 05:00
Litir 1208: Leanabh an Àigh
Leanabh an à igh, an Leanabh aig Mà iri,
Rugadh san stà ball, Rìgh nan Dùl;
Thà inig don fhà sach, dh’fhuiling nar n-à ite
Son’ iad an à ireamh bhitheas dhà dlùth!
A bheil sibh ag aithneachadh nam briathran sin? ʼS e sin a’ chiad rann de laoidh a tha gu math ainmeil agus eachdraidheil ann an saoghal na Gà idhlig – Leanabh an Àigh. ʼS e laoidh brèagha, fonnmhor a th’ ann, ach bha riamh ceist agam mu dheidhinn aon fhacail. Mar as trice, ʼs e Moire no Muire a chanas sinn ann an Gà idhlig ri mà thair Ìosa. Ach, anns an òran, ʼs e ‘Mà iri’ a sgrìobh an t-ùghdar.
Agus cò bh’ innte? Tè à Muile air an robh Mà iri mar ainm – Mà iri NicDhùghaill. Bhuineadh i don Ros Mhuileach faisg air Bun Easan. Na bu trà ithe dhen t-samhradh seo, bha daoine a’ comharrachadh ceud gu leth bliadhna on a chaochail i ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1872).Â
Mar a thuigeas sibh, bha Mà iri na Crìosdaidh. Bha a h-athair na shearmonaiche Baisteach agus bha Mà iri fhèin na Baisteach fad a beatha. Phòs i fear Niall Dòmhnallach agus bha iad ri croitearachd faisg air Bun Easan. Cha chreid mi gun robh Beurla sam bith aice.
Ged a sgrìobh Mà iri na briathran airson Leanabh an Àigh, tha e coltach gun robh am fonn mòran na bu shine. Bha e gu math aithnichte am measg muinntir Mhuile. Canaidh daoine ‘Bunessan’ ris an fhonn. Seo agaibh an dà rna rann:
Ged a bhios leanaban aig rìghrean na talmhainn,
An greadhnachas à rd is anabarr mùirn
ʼS geà rr gus am falbh iad, ʼs fà saidh iad anfhann
An à illeachd ʼs an dealbh aʼ searg san ùir.
Tha e coltach gun do chruthaich Mà iri òrain gu leòr ach gur e glè bheag dhiubh a th’ againn an-diugh. Nochd Leanabh an Àigh ann an clò an dèidh a bà is. Agus bha e air eadar-theangachadh gu Beurla cuideachd. Seo an treas rann dheth, co-dhiù mar a tha an t-òran air a ghabhail gu minig an-diugh:
Cha b’ ionnan an t-uan a thà inig gar fuasgladh
Iriseal stuama ghluais e ʼn tùs.
E naomh gun truailleachd, Cruithear an t-sluaigh
Dh’èirich e suas le buaidh on ùir.
Ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a h-aon (1931), nochd faclan Beurla co-cheangailte ris an aon fhonn. B’ e sin ‘Morning has Broken’, laoidh a bh’ air a sheinn gu tric aig tiodhlacaidhean. Rinn an seinneadair Cat Stevens – no Yusuf Islam mar a th’ air an-diugh – an laoidh sin ainmeil anns na seachdadan. Bha sin timcheall air ceud bliadhna an dèidh bà s Mà iri NicDhùghaill. Chlà ir luchd-ciùil ainmeil eile an t-òran, leithid Neil Diamond, Nana Mouskouri agus Daniel O’Donnell.Â
Seo agaibh, ma-thà , an rann mu dheireadh aig Leanabh an Àigh. Mura h-eil sibh eòlach air an fhonn, cluinnidh sibh e gun duilgheadas sam bith air an eadar-lìon.
Leanabh an à igh mar dhʼaithris na fà idhean
ʼS na h-aingealan à rd, b’ e miann an sùl
ʼS e ʼs airidh air grà dh ʼs ar n-urram thoirt dha.
Sona an à ireamh bhitheas dha dlùth.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: laoidh: hymn; fonnmhor: tuneful; Mà iri NicDhùghaill: Mary MacDougal; croitearachd: crofting; chlà ir: recorded; aingealan: angels.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Leanabh an à igh: child of joy; Rugadh san stà ball: born in the stable; Rìgh nan Dùl: King of the Universe; Thà inig don fhà sach, dh’fhuiling nar n-à ite: came to the wilderness, suffered in our place; Sona iad an à ireamh bhitheas dhà dlùth: happy are those who are close to him; bhuineadh i don Ros Mhuileach faisg air Bun Easan: she belonged to the Ross of Mull near Bunessan; na bu trà ithe dhen t-samhradh seo: earlier this summer; a’ comharrachadh ceud gu leth bliadhna on a chaochail i: marking 150 years since she died; bha a h-athair na shearmonaiche Baisteach: her father was a Baptist preacher; gun robh am fonn mòran na bu shine: that the tune was much older; An greadhnachas à rd is anabarr mùirn: in great pomp and much joy; ʼS geà rr gus am falbh iad ʼs fà saidh iad anfhann: they leave soon and grow weak; an à illeachd ʼs an dealbh aʼ searg san ùir: their beauty and form withering in the soil; nochd X ann an clò an dèidh a bà is: X was published after her death; co-dhiù mar a tha an t-òran air a ghabhail gu minig an-diugh: at least how the song is often sung today; Cha b’ ionnan an t-uan a thà inig gar fuasgladh: nothing is equal to the lamb who came to free us; Iriseal, stuama ghluais e ʼn tùs: humble and modest when he first moved; naomh gun truailleachd: saintly and without impurity; mar dhʼaithris na fà idhean: as the prophets foretold; ʼs e ʼs airidh air grà dh ʼs ar n-urram thoirt dha: it is he who deserves our love and respect.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bha Mà iri fhèin na Baisteach fad a beatha: Mary herself was a Baptist all her life. The Baptist Church, while hardly visible among the Gaels of the Western Isles, was and is an important component in some Gaelic communities elsewhere, such as on Mull and Tiree. Baisteach is based on the verb baist ‘baptise, immerse in water, which likely derives from Ancient Greek through Latin, with the loss of an original ‘p’ (a sound not found in early Gaelic) – making it distantly cognate with English ‘baptise’ (which retained the ‘p’). Na Baistich ‘the Baptists’; An Eaglais Bhaisteach ‘The Baptist Church’; ʼs e Baisteach a th’ ann ‘he is a Baptist’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: b’ e miann an sùl: he was the apple of their eyes (lit. ‘their eyes’ desire’).
Broadcast
- Sun 11 Sep 2022 13:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.