Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1180

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1180. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 2 Mar 2022 22:30

Clip

Litir 1180: Seanadh Whitby (1)

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Fìonan. Bha e na Easbaig ann an Lindisfarne. Bha mi cuideachd ag innse dhuibh mu Sheanadh Whitby ann an sia ceud, seasgad ʼs a ceithir (664). Bha sin air a chumail airson co-dhùnadh a dhèanamh air cuin dìreach a bhiodh an Eaglais a’ cumail fèill na °äྱ²õ²µe. 

Tha cuid dhen bheachd gun deach an seanadh sin a chur dheth gu às dèidh bàs Fhìonain. Carson? Uill, bha Fìonan gu tur an aghaidh a’ Chàisg atharrachadh. 

An-diugh, tha mi airson sùil a thoirt air Seanadh Whitby fhèin agus ceann-latha na °äྱ²õ²µe. Bha an co-dhùnadh a rinneadh ann an Whitby cudromach ann an eachdraidh na h-Eaglaise agus ann an eachdraidh Shasainn ʼs na h-Alba.

Anns an t-seachdamh linn, bha muinntir Northumbria a’ gabhail ris a’ chreideamh Chrìosdail mean air mhean. Bha miseanaraidhean air a dhol ann a bhuineadh do dhà dhiofar ‘sgoil’. Air an dàrna làimh, bha feadhainn ann a bha dìleas do chleachdaidhean na Ròimhe. Air an làimh eile, bha na Ceiltich – na Gàidheil – le ceanglaichean do dh’Eilean Ì. Bha iadsan dìleas do na cleachdaidhean anns na h-eaglaisean co-cheangailte ri Ì ann an Alba agus Èirinn.

B’ e an diofar a bu mhotha a bh’ ann eadar an dà sgoil an latha a bh’ air a chomharrachadh mar a’ Chàisg – Didòmhnaich na Ceusta. Airson seo a mhìneachadh, tha mi airson a dhol don t-Soisgeul aig Eòin anns a’ Bhìoball. Ann an Eòin Caibideil 19 tha Pìleat air Ìosa a chur an grèim. Tha e a’ dol ga shaoradh ach tha na ceannardan Iùdhach ag iarraidh air Ìosa a cheusadh. ʼS e ceusadh a thachair. 

Ann an rann ceithir-deug tha seo: Agus b’ e latha ullachaidh na °äྱ²õ²µe e, agus mu thimcheall na siathamh uaire. Tha sin a’ ciallachadh mu mheadhan-latha oir bhathar a’ cunntadh nan uairean bho shia uairean sa mhadainn nuair a bhiodh na manaich ag èirigh. Ach dè thathar a’ ciallachadh le latha ullachaidh na °äྱ²õ²µe? 

Anns na dreachan Beurla dhen Bhìoball, thathar ga eadar-theangachadh mar ‘the day of preparation of the Passover’. Tha na faclan Passover, Paschal agus °äྱ²õ²µ uile ceangailte ri chèile. Ann an Gàidhlig ʼs e ‘°äྱ²õ²µ nan Iùdhach’ a chanas sinn airson Passover. Bha daoine a’ comharrachadh latha-ceusaidh ÃŒosa a rèir fèill Iùdhach. Agus bha na h-Iùdhaich a’ tomhas cuin a bhiodh sin ann a rèir staid na gealaich.

Ann am mìosachan nan Iùdhach, bidh gach mìos a’ tòiseachadh leis a’ ghealaich ùir. Ceala-deug an dèidh sin bidh a’ ghealach làn. Bidh °äྱ²õ²µ nan Iùdhach a’ tòiseachadh air latha na gealaich làin anns a’ chiad mhìos dhen Earrach. Canaidh na h-Iùdhaich ‘Nisan’ ris a’ mhìos sin.

Cha robh na Crìosdaidhean ag iarraidh a’ Chàisg a chomharrachadh air an aon latha ri °äྱ²õ²µ nan Iùdhach. Agus bha iad airson ʼs gum biodh i an-còmhnaidh air Didòmhnaich. Mar sin, aig Nicaea, baile Greugach faisg air Constantinople, bha co-labhairt air a cumail anns a’ bhliadhna trì cheud, fichead ʼs a còig (325). Rinn na h-easbaigean co-dhùnadh air cuin dìreach a bhiodh a’ Chàisg air a cumail. An ath thuras, chì sinn dè an co-dhùnadh a bh’ aca, agus chì sinn dè thachair aig Seanadh Whitby.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Naomh Fìonan: Saint Finan; Seanadh Whitby: The Synod of Whitby; Didòmhnaich na Ceusta: Easter Sunday [Sunday of the Crucifixion]; °äྱ²õ²µ nan Iùdhach: Passover; co-labhairt: conference; baile Greugach: a Greek town.ÌýÌý

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Bha e na Easbaig ann an Lindisfarne: he was a Bishop in Lindisfarne; bha sin air a chumail airson co-dhùnadh a dhèanamh air cuin dìreach a bhiodh an Eaglais a’ cumail fèill na °äྱ²õ²µe: that was held to make a decision on when exactly the Church would celebrate the feast of Easter; gun deach an seanadh sin a chur dheth gu às dèidh bàs Fhìonain: that that synod was postponed until after the death of Finan; gu tur an aghaidh: completely against; bha muinntir Northumbria a’ gabhail ris a’ chreideamh Chrìosdail mean air mhean: the people of Northumbria were gradually accepting the Christian religion; dìleas do chleachdaidhean na Ròimhe: loyal to Roman practices; anns na h-eaglaisean co-cheangailte ri ÃŒ: in the churches connected to Iona; tha mi airson a dhol don t-Soisgeul aig Eòin anns a’ Bhìoball: I want to go to the Gospel of John in the Bible; ann an Eòin Caibideil 19 tha Pìleat air ÃŒosa a chur an grèim: in John Chapter 19 Pilate has arrested Jesus; tha na ceannardan Iùdhach ag iarraidh air ÃŒosa a cheusadh: the Jewish leaders want him to crucify Jesus; bha daoine a’ comharrachadh latha ceusaidh ÃŒosa a rèir fèill Iùdhach: people were marking the day of Jesus’s crucifixion according to a Jewish festival; a rèir staid na gealaich: according to the state of the moon; bidh gach mìos a’ tòiseachadh leis a’ ghealaich ùir: every month starts with a new moon; ceala-deug an dèidh sin bidh a’ ghealach làn: a fortnight after that, the moon is full; bha iad airson ʼs gum biodh i an-còmhnaidh air Didòmhnaich: they wanted it always to be on a Sunday.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: a bhuineadh do dhà dhiofar ‘sgoil’: that belonged to two different ‘schools’. Dà ‘two’ is lenited here following the preposition do. Diofar is lenited because it is commanded by the numeral dhà. Sgoil is in the dual case (with the same form as the singular) following the numeral »åà.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha an co-dhùnadh a rinneadh ann an Whitby cudromach: the conclusion that was made in Whitby was important.

Broadcasts

  • Sun 27 Feb 2022 14:55
  • Wed 2 Mar 2022 22:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast