Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1179
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1179. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 23 Feb 2022
22:30
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 875
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1179
Duration: 05:00
Litir 1179: Naomh Fìonan
Nuair a bha mi a’ dèanamh rannsachadh airson leabhar a sgrìobh mi mu Ainmean-à ite sgìre Inbhir Nis, nochd ainm pears-eaglais dà thuras. B’ esan Naomh Fìonan. Seo an t-à m dhen bhliadhna nuair a bhite ga chomharrachadh. Tha a latha-fèille air an t-seachdamh latha deug dhen Ghearran.
O chionn ghoirid, thug mi cunntas dhuibh air naomh eile – Drostan. Thug sinn sùil air na tha sgrìobhte ann an Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain mu dheidhinn. Anns an Litir seo, tha mi airson innse dhuibh mu Naomh Fìonan, a rèir an dearbh leabhair.Ìý
'S e Gà idheal a bh’ ann, à Èirinn. Bha e cho naomh na òige ʼs gun robh a cho-aoisean dhen bheachd gum biodh e na easbaig uair no uaireigin. Bha iad ceart. Ghabh e dreuchd Easbaig Lindisfarne anns a’ bhliadhna sia ceud, caogad ʼs a h-aon (651).
Chan eil e soilleir an robh Fìonan ann an Eilean ÃŒ. Ach bha ceanglaichean ann eadar eilean naomh ÃŒ agus eilean naomh Lindisfarne. Chaidh Aodhan, no Aidan, à Ì gu ruige Lindisfarne. ʼS e Gà idheal a bh’ ann an Aodhan. Math dh’fhaodte gun deach Fìonan ann mar mhanach òg mun aon à m. Chaidh Aodhan a dhèanamh na Easbaig ann sa bhliadhna sia ceud, trithead ʼs a còig (635).Ìý
Tha Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain ag innse dhuinn gun tà inig beatha Aodhain gu ceann an dèidh dha a bhith na easbaig ann an Lindisfarne fad seachd bliadhn’ deug. Tha daoine dhen bheachd gun do rinn Aodhan barrachd na duine sam bith eile airson Crìosdachd a stèidheachadh ann an Northumbria.
Nuair a chaochail Aodhan, chaidh Fìonan a thaghadh mar Easbaig Lindisfarne le coitheanal anns an robh fir is boireannaich agus pearsaichean-eaglais. Bha e gu bhith anns an dreuchd sin airson deich bliadhna. Dh’obraich Fìonan am measg nan Sasannach, agus bhaistich e Peada, Rìgh nan Anglach Meadhanach.Ìý
Chaochail e air an t-seachdamh latha deug dhen Ghearran, sia ceud, seasgad ʼs a h-aon (661). ʼS e sin as coireach gur e a latha-fèille an seachdamh latha deug dhen Ghearran.
Dè bh’ air tachairt nam biodh Fìonan air a bhith beò beagan bhliadhnaichean a bharrachd? Chan eil fhios a’m, ach ann an sia ceud, seasgad ʼs a ceithir (664) thà inig eas-aonta anns an Eaglais gu ceann. Bha na Sasannaich a’ tionndadh gu dòigh ùr Ròmanach airson ceann-latha na Cà isge obrachadh a-mach.Ìý
Bha na Gà idheil, Fìonan nam measg, a’ leantainn leis an t-seann dòigh. Ann an Seanadh Whitby, ann an sgìre-easbaig Northumbria, dh’aontaich na pearsaichean-eaglais Sasannach dhol leis an t-siostam ùr. Bha sin air a bhith piantail do dh’Fhìonan.
Ach tha Fìonan a’ nochdadh an siud ʼs an seo ann an ainmean-à ite na h-Alba. Tha Eilean Fhìonain ann an Loch Seile. Ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha Lumphanan. Tha beachd ann gur e sin Lann Fhìonain, no Lann Fìonain. Tha Cill Fhìonain aig ceann Loch Lòchaidh agus cuideachd ann an ceann a deas Earra-Ghà idheal.Ìý
Timcheall Loch Nis, tha Cill Fhìonain eile faisg air Obar Itheachan. Agus ann an Srath Narann, thathar ag rà dh gun robh Naomh Fìonan a’ searmonachadh uaireigin ann an Dùn Fhlichididh. Bha ìomhaigh dheth ann ach chaidh a sgrios an dèidh an Ath Leasachaidh, cha mhòr mìle bliadhna an dèidh bàs an naoimh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: pears-eaglais: church person, cleric; Naomh Fìonan: Saint Finan; latha-fèille: feast-day; Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain: The Aberdeen Breviary; manach: monk; Obar Itheachan: Abriachan; Srath Narann: Strathnairn.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bha e cho naomh na òige ʼs gun robh a cho-aoisean dhen bheachd: he was so holy in his youth that his contemporaries thought; bha ceanglaichean ann eadar eilean naomh Ì agus eilean naomh Lindisfarne: there were [religious] links between the holy island of Iona and the holy island of Lindisfarne; barrachd na duine sam bith eile airson Crìosdachd a stèidheachadh ann an Northumbria: more than any other person to establish Christianity in Northumbria; chaidh Fìonan a thaghadh mar Easbaig Lindisfarne le coitheanal anns an robh fir is boireannaich agus pearsaichean-eaglais: Finan was chosen as the Bishop of Lindisfarne by a congregation in which there were men, women and church officials; dh’obraich Fìonan am measg nan Sasannach, agus bhaistich e Peada, Rìgh nan Anglach Meadhanach: Finan worked among the English, and he baptised Peada, the King of the Middle Angles; an t-seachdamh latha deug dhen Ghearran: 17th February; ʼs e sin as coireach: that’s the reason; dè bh’ air tachairt nam biodh Fìonan air a bhith beò beagan bhliadhnaichean a bharrachd?: what would have happened had Finan lived for a few more years?; thà inig eas-aonta anns an Eaglais gu ceann: a disagreement in the Church came to a head; dòigh ùr Ròmanach airson ceann-latha na Cà isge obrachadh a-mach: a new Roman way of calculating the date of Easter; Seanadh Whitby, ann an sgìre-easbaig Northumbria: the Synod of Whitby, in the bishopric of Northumbria; thathar ag rà dh gun robh Naomh Fìonan a’ searmonachadh uaireigin ann an Dùn Fhlichididh: it’s said that he was at one time preaching in Dunlichity; bha ìomhaigh dheth ann ach chaidh a sgrios an dèidh an Ath Leasachaidh: there was an image of him there but it was destroyed following the Reformation.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Seo an t-à m dhen bhliadhna nuair a bhite ga chomharrachadh: This is the time of [the] year when it would be commemorated. Bhite is the conditional/past habitual passive form of the verb bi ‘to be’. It is useful when you are talking about something that happened habitually in the past over a considerable period of time.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gum biodh e na easbaig uair no uaireigin: that he would be a bishop [at] some time or another.
Broadcasts
- Sun 20 Feb 2022 14:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 23 Feb 2022 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.