Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1171
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1171. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 29 Dec 2021
22:30
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 867
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1171
Duration: 05:00
Litir 1171: An t-Albannach Fiadhaich (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Sheumas Mac a’ Phearsain, a bha ri mèirle ann an Tìr na Banrigh anns an naoidheamh linn deug. Bhuineadh e don Ghà idhealtachd bho thùs. Thòisich e ri eucoir nuair a bha e ag obair aig fear a-muigh air an dùthaich. Bha Mac a’ Phearsain a’ rùsgadh chaorach dha. Dhiùlt am fear seo Mac a’ Phearsain a phà igheadh. Thuirt e gun robh an t-Albannach gun fheum mar lomadair, agus gun robh e a’ dèanamh cron air na caoraich.
Thill Mac a’ Phearsain le gunna agus fhuair e an t-airgead aige anns an dòigh sin. An uair sin, dh’fhalbh e fhèin agus a dhithis charaidean à Brisbane, agus ghoid iad stuth bho thaigh-seinnse. Dh’fheuch an t-òstair ri stad a chur orra. Chuir Mac a’ Phearsain peilear tro a bheul. Gu fortanach, cha do chaochail e.Â
Chuir na poilis seachdad ʼs a còig notaichean air adhart mar dhuais airson fiosrachadh a bheireadh na mèirlich gu ceartas. Cha robh fios aig duine cò bh’ anns an triùir. Ach chaidh tuairisgeul a dhèanamh de Mhac a’ Phearsain mar seo: bha e còig troighean agus ochd òirlich a dh’à irde, bha falt bà n agus sùilean gorma aige, agus sròn Ròmanach.
Leis gun robh na poilis ann an Tìr na Banrigh air a thòir, dh’fhalbh Mac a’ Phearsain gu ruige Cuimrigh Nuadh a Deas. Chaidh e astar mòr air muin-eich – còrr is mìle gu leth mìle. Thòisich e air eich a ghoid. Ge-tà , bha mèirlich eile air a bhith ag obair anns an sgìre sin agus bha còmhlain de phoilis a’ gluasad timcheall, a’ coimhead air an son. Chunnaic na poilis Mac a’ Phearsain agus mhothaich iad gun robh e gun fheusag – rud a bha annasach aig an à m. Loisg iad air, ach bha e air each luath agus theich e.
Ceala-deug an dèidh sin, lorg dithis phoileas Mac a’ Phearsain. An turas seo, cha robh each aige ach bha na h-oifigearan air muin-eich. Loisg iad air a chèile agus chaidh Mac a’ Phearsain a leòn na ghà irdean. Ruith an t-Albannach gu boglach far nach b’ urrainn do na h-eich leantainn air agus fhuair e air falbh. Aig an ìre seo, cha robh fios aig na poilis cò bh’ ann. Bha iad a’ gabhail ‘the Scottish bushranger’ air no ‘Scotchie, the highwayman’.Ìý
Anns a’ Ghearran, ochd ceud deug, seasgad ʼs a còig (1865), chaidh Mac a’ Phearsain a chur an grèim. Bha e a’ campachadh ann an coille faisg air abhainn, a’ leughadh pà ipear-naidheachd, nuair a thà inig buidheann de phoilis air gun fhiosta dha. An toiseach, thuirt e gur e John Bruce a bh’ air mar ainm. Ach mu dheireadh, dh’aidich e gum b’ e Ailpean Mac a’ Phearsain a bh’ air. Bha sin fìrinneach. B’ e ainm slà n Seumas Ailpean Mac a’ Phearsain.
Fhuair na poilis a-mach bhuaithe gun robh e ioma-chà nanach agus gun robh e eòlach air feallsanachd Voltaire agus Paine. Cha robh cus na aghaidh ann an Cuimrigh Nuadh a Deas. Ge-tà , thà inig fios bho Thìr na Banrigh gun robh na poilis an sin ga shireadh. Chaidh a chur air bòrd soitheach ann an Sydney airson turas a ghabhail, fo chùram poilis, gu ruige ceann a tuath Tìr na Banrigh. An robh dreuchd Mhic a’ Phearsain mar mhèirleach gu bhith seachad? Cha robh idir, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Seumas Mac a’ Phearsain: James McPherson; mèirle: robbery; Tìr na Banrigh: Queensland; an triùir: the three (men); tuairisgeul: description; Cuimrigh Nuadh a Deas: New South Wales; feallsanachd: philosophy.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha X a’ rùsgadh chaorach dha: X was shearing sheep for him; dhiùlt am fear seo X a phà igheadh: this man refused to pay X; gun fheum mar lomadair: useless as a shearer; ghoid iad stuth bho thaigh-seinnse: they stole material from a pub; dh’fheuch an t-òstair ri stad a chur orra: the publican tried to stop them; peilear tro a bheul: a bullet through his mouth; gu fortanach, cha do chaochail e: fortunately, he did not die; chuir na poilis seachdad ʼs a còig notaichean air adhart mar dhuais: the police put forward £75 as a reward; còig troighean agus ochd òirlich a dh’à irde: five feet and eight inches high; astar mòr air muin-eich: a big distance on horseback; bha còmhlain de phoilis a’ gluasad timcheall, a’ coimhead air an son: groups of police were moving around, looking for them; mhothaich iad gun robh e gun fheusag: they noticed that he had no beard; rud a bha annasach aig an à m: something that was strange at the time; loisg iad air, ach bha e air each luath agus theich e: they fired upon him, but he was on a fast horse and he fled; ceala-deug an dèidh sin: a fortnight after that; chaidh X a leòn na ghà irdean: X was wounded in his arm; boglach far nach b’ urrainn do na h-eich leantainn air: a marsh where the horses could not follow him; gun fhiosta dha: without him knowing; dh’aidich e gum b’ e Ailpean Mac a’ Phearsain a bh’ air: he admitted that his name was Alpin McPherson; fo chùram poilis: in the custody of a police officer.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chaidh a chur air bòrd soitheach: he was put on board a vessel. In theory I might have said air bòrd soithich, using the inflected genitive singular form of the noun following air bòrd, and we would certainly say air bòrd an t-soithich ‘on board the vessel’ with the article. However, it doesn’t feel quite natural to say air bòrd soithich; it might come across as hyper-correct and a bit ‘bookish’. So I plumped for air bòrd soitheach. Some Gaelic scholars might disagree and scold me!Â
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: airson fiosrachadh a bheireadh na mèirlich gu ceartas: for information that would bring the robbers to justice.
Broadcasts
- Boxing Day 2021 14:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Dec 2021 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.