Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1170
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1170. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 22 Dec 2021
22:30
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 866
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1170
Duration: 05:00
Litir 1170: An t-Albannach Fiadhaich (1)
An cuala sibh riamh mu fhear às a’ Ghà idhealtachd a choisinn cliù dha fhèin ann an Astrà ilia mar ‘An t-Albannach Fiadhaich’ no ‘The Wild Scotsman’? B’ esan Seumas Mac a’ Phearsain. Bhuineadh e do Shrath Spè agus ʼs e droch chliù, seach deagh chliù, a choisinn e. Bha e na mhèirleach-rathaid no, mar a chanas iad ann am Beurla Astrà ilia, bushranger. Cha chreid mi gu bheil mòran ga chuimhneachadh an-diugh, co-dhiù ann an Alba. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.
Rugadh Seumas ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a h-aon (1841) faisg air an Aghaidh Mhòir. Chaidh a bhaisteadh ann an Daothal. Thathar a’ smaoineachadh gun deach e gu sgoil ann an Daothal cuideachd.Ìý
Bha cùisean doirbh anns an sgìre nuair a bha e a’ fà s suas. Nuair a bha e òg, bha gort a’ bhuntà ta ann. Bha Seumas mu thrì bliadhn’ deug a dh’aois nuair a roghnaich a phà rantan eilthireachd a dhèanamh gu Astrà ilia. Fhuair iad taic airgid airson sin bhon uachdaran aca, an Granndach, agus bho Chomann Eilthireachd na Gà idhealtachd.Ìý
Rinn iad an slighe sìos an Canà l Cailleannach agus an uair sin gu ruige Liverpool. Ann am meadhan na Dà mhair, sheòl iad air an t-soitheach, am William Miles.Ìý
Bhiodh a’ chuid a bu mhotha de shoithichean eilthireachd gu Astrà ilia a’ dol seachad air ceann a deas na tìre gu ruige Port Phillip no Port Jackson – Melbourne no Sydney. Ach, an à ite sin, chaidh am William Miles gu tuath air Astrà ilia oir bha i a’ dèanamh air Bà gh Mhoreton. Sin far a bheil baile mòr Bhrisbane an-diugh. ʼS e Brisbane prìomh bhaile Tìr na Banrigh.Ìý
Rà inig Seumas agus a theaghlach Bà gh Mhoreton anns an Fhaoilleach, ochd ceud deug, caogad ʼs a còig (1855). Aig an à m sin, bha Tìr na Banrigh fhathast mar phà irt de Chuimrigh Nuadh a Deas. ʼS ann ceithir bliadhna an dèidh sin a fhuair i inbhe mar thuineachadh Breatannach fa leth.
Bu mhath leam aithris gun robh an turas-cuain gun duilgheadas. Ach, a rèir choltais, cha robh. Bha an criutha gu lèir air an tilgeil don phrìosan nuair a rà inig iad Bà gh Mhoreton! Is beag fios a bh’ aig Seumas gum fà sadh esan gu math eòlach air taobh a-staigh a’ phrìosain ann am Brisbane an ceann beagan bhliadhnaichean!
Fhuair athair Sheumais obair air oighreachd, pìos suas Abhainn Bhrisbane, ris an canar Cressbrook. Bha e ag obair mar threabhaiche. Is iongantach mura robh Seumas agus a bhrà ithrean ag obair le crodh is caoraich. An ceann ùine, bha Seumas fìor sgileil mar mharcaiche. Bhiodh na sgilean sin air leth feumail nuair a ghabh e slighe a’ mhèirlich.
An dèidh ceithir bliadhna, ghluais an teaghlach a Bhrisbane agus fhuair Seumas preantasachd le fear-togail. Dh’ionnsaich e clachaireachd. Ceithir bliadhna an dèidh sin, ghluais an teaghlach a-mach gu sgìre dhùthchail. Bha Seumas mu dhà bhliadhna fichead a dh’aois agus bha e airson a bhith neo-eisimeileach. Ge-tà , ʼs ann an uair sin a thòisich cùisean a dhol ceà rr.
Gun rabhadh sam bith, dh’fhà g e a phreasantachd. Thachair e ri dithis fhear eile ann am Brisbane.Ìý Dh’iarr iad air a dhol cuide riutha gu tuath. Bha iad ri obair rà itheil, leithid rùsgadh chaorach. Agus, nuair nach robh obair aca, bhiodh iad ri eucoir. Aig a’ cheann thall, mar a chì sinn, bha Seumas gu bhith na eucoireach na bu chliùitiche na ʼn dithis eile.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Seumas Mac a’ Phearsain: James McPherson; mèirleach: robber; mèirleach-rathaid: highwayman, bushranger; An Aghaidh Mhòr: Aviemore; meadhan na Dà mhair: the middle of October; oighreachd: estate; treabhaiche: ploughman; eucoir: crime; na bu chliùitiche: more renowned.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a choisinn cliù dha fhèin ann an Astrà ilia: who earned a reputation for himself in Australia; bhuineadh e do Shrath Spè: he belonged to Strathspey; chaidh a bhaisteadh ann an Daothal: he was baptised in Duthil; mu thrì bliadhn’ deug a dh’aois nuair a roghnaich a phà rantan eilthireachd a dhèanamh: about thirteen years of age when his parents chose to emigrate; fhuair iad taic airgid airson sin bhon uachdaran aca, an Granndach: they received financial assistance for that from their landlord, the (Ogilvy-)Grant; Comann Eilthireachd na Gà idhealtachd: Highlands and Islands Emigration Society; rinn iad an slighe sìos an Canà l Cailleannach: they made their way down the Caledonian Canal; a’ chuid a bu mhotha de shoithichean eilthireachd: most of the emigrant ships; gu tuath air Astrà ilia oir bha iad a’ dèanamh air Bà gh Mhoreton: to the north of Australia because they were making for Moreton Bay; bha Tìr na Banrigh fhathast mar phà irt de Chuimrigh Nuadh a Deas: Queensland was still part of New South Wales; ʼs ann ceithir bliadhna an dèidh sin a fhuair i inbhe mar thuineachadh Breatannach fa leth: it’s four years after that it obtained status as a distinct British colony; gun robh an turas-cuain gun duilgheadas: that the voyage was without difficulty; bha an criutha gu lèir air an tilgeil don phrìosan: the entire crew was thrown into prison; is beag fios a bh’ aig X gum fà sadh esan gu math eòlach air taobh a-staigh a’ phrìosain: little did X know that he would become very familiar with the inside of the prison; fìor sgileil mar mharcaiche: very skilful as a horse rider; nuair a ghabh e slighe a’ mhèirlich: when he took the route of the robber; preantasachd le fear-togail: an apprenticeship with a builder; dh’ionnsaich e clachaireachd: he learned stonemasonry; obair rà itheil, leithid rùsgadh chaorach: seasonal work, such as shearing sheep.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Cha chreid mi gu bheil mòran ga chuimhneachadh an-diugh: I don’t think that many (people) remember him today. Remember to try to work this very idiomatic use of cha chreid mi into your everyday language. A bheil sin ceart? ‘is that correct?’ Cha chreid mi gu bheil ‘I don’t think so’.Ìý
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ʼs e droch chliù, seach deagh chliù, a choisinn e: it’s a bad reputation, rather than a good one, that he earned.
Broadcasts
- Sun 19 Dec 2021 18:25Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Dec 2021 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.