Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1156

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1156. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 15 Sep 2021 23:00

Clip

Litir 1156: An Tiodhlac bho gu h-Àrd

Tha naidheachd agam dhuibh, an t-seachdain seo, a tha a’ ceangal dà bhliadhna ri chèile. B’ iad na bliadhnaichean sin seachd ceud deug ’s a còig-deug (1715) agus ochd ceud deug fichead ’s a sia (1826). 

Ma tha sibh eòlach air eachdraidh na h-Alba, bidh sibh ag aithneachadh na bliadhna seachd ceud deug ’s a còig-deug (1715). B’ ann anns a’ bhliadhna sin a thogadh bratach nan Seumasach – an toiseach ann am Bràigh Mhàrr. Bha na Seumasaich a’ strì airson na Stiùbhartaich a chur air ais air an rìgh-chathair.

Dìreach latha an dèidh don ar-a-mach tòiseachadh, thogadh bratach nan Seumasach ann an Cill Mhìcheil ann an Srath Àrdail. Bha na ceudan de luchd nam fineachan an làthair.

Bha gaoth làidir ann. Bha ball òir air mullach a’ bhrat-chrainn. Agus thuit e gu làr air sàillibh na gaoithe. Bha cuid de na Gàidheil dhen bheachd gur e droch chomharra a bh’ ann. ’S dòcha gun robh iad ceart oir cha robh an t-ar-a-mach soirbheachail.

Ach cha robh Tighearna Eas an Tulaich airson ’s gum biodh na daoine fo smalan. ‘Coma leibh sin,’ thuirt e. ‘Cha tàinig ach rud math riamh bho gu h-àrd.’ Is cinnteach gun robh e a’ smaoineachadh air Dia agus Nèamh. Co-dhiù, feumaidh gun do chuimhnich feadhainn anns an sgìre an abairt sin oir thàinig i am bàrr a-rithist còrr is ceud bliadhna an dèidh sin.

B’ e a’ bhliadhna ochd ceud deug, fichead ’s a sia (1826). Bha an aimsir cianail fuar. Bha an sneachd na laighe fad mhìosan. Bha na daoine bochda a’ fulang gu dona. Agus cha robh fàs math ann as t-samhradh. Bha cuimhne aig daoine air a’ bhliadhna sin mar ‘Bliadhna a’ Bhàrr Ghoirid’.

Bha fear a bha seo ann an Srath Àrdail. ’S e duine onarach a bh’ ann agus bha teaghlach òg aige. Bha an t-acras orra fad na h-ùine.

Ri taobh an teaghlaich seo, bha tuathanach beartach a’ fuireach. Bha slochd aige a bha làn bhuntàta. Ach cha robh an tuathanach eadhon deònach buntàta a reic. Bha e a’ feitheamh ris an Earrach nuair a gheibheadh e deagh phrìs. 

Chunnaic cuid anns an sgìre mar a bha an teaghlach seo a’ fulang. Chuir iad romhpa gnothaichean a chur ceart. Air an oidhche, chaidh iad gu slochd a’ bhuntàta aig an tuathanach. Lìon iad poca an duine le buntàta. Chaidh iad gu taigh an teaghlaich bhochd. 

Cha robh iad airson ’s gum biodh fios aig an teaghlach cò às a thàinig am biadh. Bha an taigh ìosal le mullach tughaidh. Chaidh na daoine air a’ mhullach. Thug iad sùil sìos an t-similear. Cha robh teine ann. Bha an teaghlach gu lèir air an glùinean, ag ùrnaigh airson biadh. Dhòirt na daoine na buntàta sìos an t-similear, fear an dèidh a chèile.

Cha b’ urrainn do dh’fhear an taighe creidsinn na bha a’ tachairt. Bha na ceudan bhuntàta air tighinn sìos an t-similear agus bha iad nan laighe air ùrlar an taighe. 

‘Uill,’ thuirt e, ‘Is fìor na thuirt Tighearna Eas an Tulaich latha togail na brataich – nach tàinig droch rud riamh bho gu h-àrd!’ 

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Cill Mhìcheil: Kirkmichael; Srath Àrdail: Strathardle; Tighearna Eas an Tulaich: The Laird of Ashintully; cianail fuar: terribly cold; a’ fulang: suffering; Bliadhna a’ Bhàrr Ghoirid: the year of the short corn; slochd a’ bhuntàta: the potato pit; tuathanach: farmer.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: a tha a’ ceangal dà bhliadhna ri chèile: that links two years to each other; bidh sibh ag aithneachadh: you will recognise; b’ ann anns a’ bhliadhna sin a thogadh bratach nan Seumasach – an toiseach ann am Bràigh Mhàrr: it’s in that year that the Jacobite banner was raised – first in the Braes of Mar; airson na Stiùbhartaich a chur air ais air an rìgh-chathair: to return the Stuarts to the throne; dìreach latha an dèidh don ar-a-mach tòiseachadh: just a day after the rebellion began; bha na ceudan de luchd nam fineachan an làthair: hundreds of clansmen were present; bha ball òir air mullach a’ bhrat-chrainn: there was a golden ball at the top of the flagpole; thuit e gu làr air sàillibh na gaoithe: it fell to the ground because of the wind; dhen bheachd gur e droch chomharra a bh’ ann: of the opinion that it was a bad sign; cha robh an t-ar-a-mach soirbheachail: the rebellion was not successful; coma leibh sin: disregard that; cha tàinig ach rud math riamh bho gu h-àrd: only good things ever came from above; gun robh e a’ smaoineachadh air Dia agus Nèamh: that he was thinking about God and Heaven; fad mhìosan: for months; cha robh fàs math ann as t-samhradh: there was no good growth in the summer; bha an t-acras orra fad na h-ùine: they were hungry all the time; chuir iad romhpa gnothaichean a chur ceart: they made up their minds to correct matters; air an glùinean, ag ùrnaigh: on their knees, praying; dhòirt iad na buntàta sìos an t-similear: they poured the potatoes down the chimney.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Lìon iad poca an duine le buntàta: they filled one bag per person with potatoes. Duine can refer to ‘man’ i.e. male person but also to a (genderless) person. Dà cheapaire an duine ‘two sandwiches per person’. Dè chosgas e? Còig notaichean an duine (£5 each).

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: gum biodh na daoine fo smalan: that the people would be gloomy.

Broadcasts

  • Sun 12 Sep 2021 22:30
  • Wed 15 Sep 2021 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast