Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1155
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1155. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 8 Sep 2021
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 851
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1155
Duration: 05:00
Litir 1155: Cùis-eagail Phà ra Mhòir
Bu mhath leam sgeulachd Ghà idhlig à Siorrachd Pheairt innse dhuibh. ’S e an t-ainm a th’ oirre Cùis-eagail Phà ra Mhòir. Tha Pà ra a’ seasamh airson Pà raig no Pà draig. Tha an sgeulachd stèidhichte air taobh a deas Loch Tatha, timcheall baile ris an canar Àird Eònaig.
Bha ceà rdach ann an Àird Eònaig agus bhiodh na fir a’ cruinneachadh an sin gu tric air an oidhche. Bhiodh iad ag innse naidheachdan do chà ch a chèile. Bhiodh iad ag innse sgeulachdan cuideachd – mu dheidhinn taibhsean, sìthichean, ùruisgean is buidsichean.
Bha gobha Àird Eònaig na dhuine tuigseach, còir is foighidneach. Ach cha robh foighidinn gu leòr aige nuair a thigeadh e gu Pà ra Mòr. Bhiodh Pà ra anns a’ cheà rdaich uabhasach tric. Agus bhiodh e a’ fuireach ann gus am biodh an doras air a dhùnadh aig deireadh na h-oidhche. Cha robh e cho diofar dè cho anmoch ’s a bha e.
Feasgar a bha seo, thà inig figheadair òg don cheà rdaich. Ann an Siorrachd Pheairt canaidh iad figheadair airson breabadair. Bha slabhraidh bhriste aig an fhighdeadair agus bha e ag iarraidh air a’ ghobha a cà radh.
Nochd Pà ra Mòr cuideachd – mar a bu dual dha. Thug an gobha am figheadair gu aon taobh. ‘Bidh mi fada nad chomain ma chuireas tu eagal air an lunndair mhòr sin,’ thuirt an gobha. ‘Tha mi air mo shà rachadh leis, agus e na shuidhe an sin ri glagaireachd gun bhrìgh.’
‘Is bargan e,’ thuirt am figheadair òg. Mu bheul na h-oidhche, nuair a bha an t-slabhraidh cà raichte, ghabh am figheadair an rathad dhachaigh. Air an rathad bha craobh-dharaich. Shreap am figheadair suas agus shuidh e air meur là idir.
Chaidh Pà ra Mòr a chur a-mach à s a’ cheà rdaich aig deireadh na h-oidhche. Bha an oidhche dorch, agus bha Pà ra air a bhith a’ cluinntinn naidheachdan gu leòr mu shìthichean, taibhsean is a leithid. Bha e fo iomagain a’ coiseachd dhachaigh. Rà inig e a’ chraobh-dharaich.Â
Bha am figheadair òg air a’ mheur os cionn Phà ra Mhòir. Leig e an t-slabhraidh air an rathad. Rinn i gleadhraich oillteil. Chuala Pà ra guth os a chionn. ‘Is mise an Diabhal. Is fhad’ on a bha mi an tòir ort, ach bidh thu agam a-nochd!’ Cha mhòr nach deach Pà ra à cochall a chridhe leis an eagal!
Ruith e cho luath ri fiadh gus an do rà inig e taigh. Leum e a-steach air an doras agus thuit e an comhair a chinn na phaisean air an là r. Rè ùine is gann a bha plosg ann am Pà ra Mòr.
Chaidh fear is bean an taighe an ath dhoras airson comhairle fhaighinn bhon t-seann fhigheadair agus a bhean a bha a’ fuireach an sin. B’ esan athair an fhigheadair òig. Bha am figheadair òg a’ fuireach còmhla ri a phà rantan.
Dh’fhàs mà thair a’ ghille òig amharasach mu dheidhinn. Chaidh i don t-seòmar aige airson faicinn an robh e ann. Bha e a rèir choltais na chadal ro throm, agus srann aige a chuireadh na h-eich ris a’ mhonadh!
Agus Pà ra Mòr? Uill, cha do dh’fhuirich esan anns a’ cheà rdaich seachad air beul na h-oidhche a-chaoidh tuilleadh. Mar sin, fhuair gobha Àird Eònaig a mhiann. Agus tha mi cinnteach nach robh am figheadair òg air a dhìochuimhneachadh leis.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Siorrachd Pheairt: Perthshire; Cùis-eagail Phà ra Mhòir: the instance of Para Mòr’s fear; Àird Eònaig: Ardeonaig; ceà rdach: smiddy; taibhsean, sìthichean, ùruisgean is buidsichean; ghosts, fairies, urisks and wizards; craobh-dharaich: oak tree; meur: branch; fo iomagain: anxious; gleadhraich oillteil: horrible rattling.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bhiodh na fir a’ cruinneachadh an sin gu tric air an oidhche: the men would often be collecting there at night; ag innse naidheachdan do chà ch a chèile: telling each other anecdotes; bha gobha Àird Eònaig na dhuine tuigseach, còir is foighidneach: the smith of Ardeonaig was an understanding, generous and patient man; bhiodh e a’ fuireach ann gus am biodh an doras air a dhùnadh aig deireadh na h-oidhche: he would remain there until the door was closed at the end of the night; cha robh e cho diofar dè cho anmoch ’s a bha e: it didn’t matter how late it was; bha slabhraidh bhriste aig an fhighdeadair agus bha e ag iarraidh air a’ ghobha a cà radh: the weaver had a broken chain and he was wanting the smith to repair it; mar a bu dual dha: as was his wont; thug an gobha am figheadair gu aon taobh: the smith took the weaver to one side; bidh mi fada nad chomain ma chuireas tu eagal air an lunndair mhòr sin: I’ll be much obliged to you if give that sluggard a scare; tha mi air mo shà rachadh leis: I’m tormented by him; agus e na shuidhe an sin ri glagaireachd gun bhrìgh: with him sitting and talking rubbish; is bargan e: it’s a bargain; mu bheul na h-oidhche, ghabh am figheadair an rathad dhachaigh: around nightfall, the weaver took the road home; is fhad’ on a bha mi an tòir ort: I’ve been chasing you a long time; is gann a bha plosg ann an X: X had hardly a heartbeat; srann a chuireadh na h-eich ris a’ mhonadh: a snore that would send the horses to the hills.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: thuit e an comhair a chinn na phaisean air an là r: he fell headfirst in a swoon on the floor. An comhair means ‘in the direction of’ and commands a noun in the genitive, often with a possessive article – thus an comhair a bheòil means ‘face first’ [literally ‘in the direction of his mouth’]. An comhair a beòil would be the feminine equivalent. If Pà ra Mòr had fallen backwards, I would have said thuit e an comhair a chùil.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Cha mhòr nach deach Pà ra à cochall a chridhe leis an eagal: Para almost jumped out of his skin with fright [lit. out of his pericardium].
Broadcasts
- Sun 5 Sep 2021 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 8 Sep 2021 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.