Na h-Ùigich
An seinneadair Mà iri Nic a’ Ghobhainn a' tadhal air a' Chnìop an Ùig airson taghadh òrain. The singer Mary Smith chooses songs from a brother and sister in Uig, Lewis.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S ann air na h-Ùigich a tha an seinneadair Mà iri Nic a’ Ghobhainn a' cèilidh a seo agus dòrlach òrain aice a chaidh a thogail bhuapa le Sgoil Eòlais na h-Alba.
Thog Mà iri iomadach òran bho Pheigi Eighrig Nic a’ Ghobhainn, Peigi Eighrig Aonghais an t-Saighdeir bhon a' Chnìop an Ùige Leòdhais agus nuair a chaidh i a chèilidh oirre bhruidhinn iad cuideachd air a brà thair, an seinneadair Aonghas Coinneach MacIomhair, aig a robh guth socair, ciùin, le seinn gun strì.
Bha Peigi Eighrig air a bhith iomadach bliadhna ann an Lunnainn ach bha i an uair ud air ais air a’ Chnìop. Bhiodh i a' seinn ‘s ri bà rdachd agus, mar a tha i fhèin ag innse, 's e brà thair a seanair a thug dhi spiorad na bà rdachd air leabaidh a’ bhà is.
Tha i ag innse mar a thà inig Seumas Ros a dh’Ùig a chlà radh agus mar a thurchair gu robh banais ann an oidhche a bh’ ann.
Cluinnidh sinn aig Aonghas Coinneach MacÌomhair na h-òrain 'Air mo dhùrachd b’ e siud a lùiginn', 'O till rium a leanainn', 'Mheall thu, mheall thu, mheall thu mi' agus 'Gur trom an t-eallach an gaol'.
Bho Pheigi Eighrig gheibh sinn 'Gun seinn mi rann mu dheidhinn na tìr' agus 'Chan eil mo leannan ann an seo'
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 3 Jun 2021 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 3 Jun 2021 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Jun 2021 09:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal