Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mu Chuairt Chataibh

Fiona NicChoinnich a' toirt thugainn òrain is seanchas à Cataibh, an sgìre dham buin i. Fiona MacKenzie presents her choice of material from her native Sutherland.

Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

A seo tha Fiona NicChoinnich air a bhith dol tron tasglann agus i a' toirt thugainn òrain is seanchas bho sgìre Chataibh, an sgìre aice fhèin, bhon taobh an iar 's bhon taobh an ear.

Tha Seòras Gow à Tealmainn, faisg air Mealanais an Dùthaich MhicAoidh a' gabhail Sgeir an Òir, òran a rinn athair Uilleim a' moladh na tìr; tha Seoras MacChoinnich às a' Chùl-Chinn ach a bha a' fuireach an Diùirinis nuair a chaidh a chlàradh, ag innse mar a fhuair Asainte an t-ainm agus seanchas air mar a fhuair Clann 'IcChoinnich sealbh air Asainte; tha Edie NicAoidh le fonn eadar-dhealaichte bhon àbhaist air Mo Mhollachd aig na Caoraich Mhòr a sgrìobh Eoghainn Robasdan à Tunga agus tha i cuideachd a' seinn Och chan eil mo Mhiann san Dram; aig Domhnall S Macaoidh, Donnaly à Diùirinis, cluinnidh sinn Tha Gruagach Àraidh shuas an Àirigh - òran èibhinn a rinn Rob Donn mu te, Anna, air a robh grunn fhir an tòir - agus cuideachd an t-òran ’S Fheudar Dhomh gu Cinnteach Bhith Sguir dhen Dram agus tha Ceit Ros, Ceitidh Jean às na Grùidean, faisg air a' Luirg a' seinn Bràigh Stòirr ’s ceann Loch Crom.

Rugadh agus thogadh Dòmhnall MacAoidh, Dòmhnall 'Babus' air Eilean nan Ròn ann an Dùthaich Mhicaoidh an taobh tuath Chataibh, an aon eilean air a robh sluagh far na cladacihean sin. Dh’fhàg iad e ann an 1938 agus tha e a' dèanamh dealbh air an dòigh-beatha a bh’ aca air an eilean, air an robh 80 a' fuireach aig aon àm.

A thilleadh air a sin, gheibh sinn ceòl na fidhle agus a' phiàna bho Ìosaph agus Bally NicAoidh à Tealmainn.

30 minutes

Last on

Sun 30 May 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 27 May 2021 12:00
  • Thu 27 May 2021 22:00
  • Sun 30 May 2021 09:30