Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1136
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1136. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 28 Apr 2021
22:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 832
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1136
Duration: 05:00
Litir 1136: Griogal Cridhe (3)
Cuiridh mi crìoch an-diugh air a’ chunntas agam mun t-seann òran ‘Griogal Cridhe’ à Siorrachd Pheairt. ʼS ann mu dheidhinn bàs Ghriogair Ruaidh a tha e. A rèir choltais, ʼs ann bho sheinneadairean ann an à iteachan eile – ʼs dòcha anns an Eilean Sgitheanach – a thà inig an dreach ‘Griogal’ air ainm an duine.
Bha a bhanntrach, Mòr, troimhe-chèile mu a bhà s. Chan eil e soilleir am faca i fhèin dì-cheannachadh an duine aice. Ach sgrìobh i mar gum faca:
ʼS ged tha mi gun ùbhlan agam, ’S ùbhlan uil’ aig cà ch;Â
’S ann tha m’ ubhal cùbhraidh grinn, Is cùl a chinn ri là r.
Bha i air a bhith ann an trom-ghaol leis an duine aice. Bha i a-nise là n mulaid. Sgrìobh i:
Ged tha mnathan chà ich aig baile, Nan laigh’ ’s nan cadal sèimhÂ
’S ann bhios mis’ aig bruaich mo leapa, A’ bualadh mo dhà là imh.Â
Mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, phòs Mòr fear eile an dèidh bà s Ghriogair. Ghabh i fhèin ‘Baran crìon na dalach’ mar ainm air a cèile ùr, co-dhiù na cuid bà rdachd. ʼS dòcha gun robh taigh snog aige faisg air abhainn, ach b’ fheà rr leatha fhathast a bhith còmhla ri Griogair a-muigh sa choille no sa mhonadh:Â
’S mòr a b’ annsa bhith aig Griogair, Air feadh coille ’s fraoichÂ
Na bhith aig Baran crìon na dalach, An taigh cloich’ is aoil.Â
Agus seo dà rann eile a tha a’ dèanamh soilleir cho mì-thoilichte ʼs a bha Mòr mun t-suidheachadh aice:
’S mòr a b’ annsa bhith aig Griogair, Cur a chruidh don ghleannÂ
Na bhith aig Baran crìon na dalach, ’G òl air fìon ’s air leann.
’S mòr a b’ annsa bhith aig Griogair, Fo bhrata ribeach ròinÂ
Na bhith aig Baran crìon na Dalach, Giùlan sìoda ’s sròil.Â
Tha Mà rtainn MacGhriogair agus eòlaiche eile – Virginia Blankenhorn – air sùil gheur a thoirt air an òran seo. Abair gu bheil eachdraidh mhòr aige. Chaidh e bho bheul gu beul agus bho ghinealach gu ginealach airson cha mhòr dà cheud gu leth bliadhna mus do nochd e ann an clò. Bha sin ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a trì (1833). Nochd e bhon uair sin ann an grunn chruinneachaidhean sgrìobhte.
Aig an aon à m, tha e coltach gun robh an t-òran a’ dol fhathast bho bheul gu beul ann an diofar sgìrean dhen Ghà idhealtachd. Chruinnich Frances Tolmie dreach dheth anns an Eilean Sgitheanach, agus bha an t-òran air a sheinn cuideachd anns na h-Eileanan Siar, eadar Leòdhas agus Bhatarsaigh.Â
Bha e air a chruinneachadh a-rithist anns an fhicheadamh linn ann an Siorrachd Pheairt aig fear à taobh Loch Tatha. Bha an dreach aigesan uabhasach coltach ri fear a bh’ ann an clò. Chan eil e soilleir an robh am fear seo air an t-òran ionnsachadh, gu ìre co-dhiù, bho fhaclan sgrìobhte seach bho bheul-aithris. Ach tha e iongantach gun robh cuideigin às an sgìre às an robh an t-òran fhèin comasach air a sheinn ceithir cheud bliadhna an dèidh do Mhòr Chaimbeul a chruthachadh. Airson crìoch a chur air mo chunntas, seo rann eile bhon òran.
Ged bhiodh cur is cathadh ann, Is latha nan seachd sian;Â
Gheibheadh Griogair dhomhsa creagan, San caidlimid fo dhìon.Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: dì-cheannachadh: beheading; na h-Eileanan Siar: the Western Isles; Leòdhas: Lewis; Bhatarsaigh: Vatersay.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Cuiridh mi crìoch air a’ chunntas agam: I’ll finish my account; ʼs ann bho sheinneadairean ann an à iteachan eile a thà inig an dreach ‘Griogal’: it’s from singers in other places that the form ‘Griogal’ came; bha a bhanntrach, Mòr, troimhe-chèile mu a bhà s: his widow, Marion, was bereft about his death; ʼs ged tha mi gun ùbhlan agam: although I am without apples; ’s ùbhlan uil’ aig cà ch: and others have all the apples; ’s ann tha m’ ubhal cùbhraidh grinn, is cùl a chinn ri là r: my own apple, fragrant and handsome has the back of his head on the ground; ged tha mnathan chà ich aig baile: though other men’s wives are at home; nan laigh’ ’s nan cadal sèimh: lying and sleeping quietly; ’s ann bhios mis’ aig bruaich mo leapa: I’m at the edge of my bed; a’ bualadh mo dhà là imh: beating my hands (in grief); air feadh coille ’s fraoich: throughout wood and heather; na bhith aig Baran crìon na dalach: than with the stingy Baron of the river-meadow, an taigh cloich’ is aoil: in a house of stone and lime; fo bhrata ribeach ròin: under a rough hairy cover; (a’) giùlan sìoda ’s sròil: wearing silk and satin; cha mhòr dà cheud gu leth bliadhna mus do nochd e ann an clò: nearly 250 years before it appeared in print; ged bhiodh cur is cathadh ann: though there should be blizzards; is latha nan seachd sian: and a day of appalling weather; gheibheadh Griogair dhomhsa creagan: Gregor would find for me a small crag; san caidlimid fo dhìon: where we’d sleep under shelter.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ’S mòr a b’ annsa bhith aig Griogair: annsa is used to express love or attachment and it is a rather nice word, although less used today than in past generations. It is considered to be the (irregular) comparative form of the adjective toigh ‘agreeable, pleasing’ and like toigh it is often used with the preposition le. Is toigh leam ‘I like’; is annsa leam ‘I prefer, really treasure’. The past tense form is b’ annsa e.g. b’ annsa leam a bhith cuide ri mo chà irdean ‘I absolutely loved being with my friends’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: co-dhiù na cuid bà rdachd: at least in her poetry.
Broadcasts
- Sun 25 Apr 2021 22:25Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Apr 2021 22:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.