Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1135
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1135. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 21 Apr 2021
22:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 831
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1135
Duration: 05:00
Litir 1135: Griogal Cridhe (2)
Bha mi ag innse dhuibh mun òran ‘Griogal Cridhe’. Thug mi dà shèist eadar-dhealaichte dhuibh an t-seachdain sa chaidh. Seo agaibh treas tè! Tha i inntinneach oir tha i pearsanta don tè a sgrìobh an t-òran.
Ochan, ochan, ochan uiridh,Â
’S goirt mo chridhe, luaidh,Â
Ochan, ochan, ochan uiridh,Â
Cha chluinn d’ athair ar caoidh.
ʼS i Mòr Chaimbeul a sgrìobh an t-òran, timcheall na bliadhna còig ceud deug is seachdad (1570). Phòs i fear Griogair MacGhriogair – Griogair Ruadh. Ach bha na Griogaraich agus na Caimbeulaich nà imhdeil do chèile. Air a’ chiad latha dhen Lùnastal, còig ceud deug, seasgad ʼs a naoi (1569), chaidh Griogair a chur an grèim le buidheann de Chaimbeulaich. Am measg na ghlac e, bha athair-chèile, Donnchadh Caimbeul à Gleann Lìomhann. Seo dà rann à aon dreach dhen òran mu dheidhinn na thachair.
Moch madainn air latha Lùnast’,Â
Bha mi sùgradh mar ri m’ ghrà dh,
Ach mun tà inig meadhan-latha,Â
Bha mo chridhe air a chrà dh.
Mallachd aig maithibh ʼs aig cà irdean,Â
Rinn mo chrà dh air an dòigh,
Thà inig gun fhios air mo ghrà dh-sa,Â
ʼS a thug fo smachd e le foill.
Tha Mòr ag rà dh anns an òran gum b’ fheà rr leatha nan robh dusan gaisgeach dhen chinneadh aige fhèin air a bhith aig Griogair. Cha bhiodh e sa phrìosan idir.
Bha Griogair air a chumail an grèim anns a’ chaisteal aig Cailean Liath, ceannard nan Caimbeulach, faisg air Loch Tatha. B’ e ainm Caisteal Bhealaich. Bha e far a bheil Taymouth Castle an-diugh. Bha Griogair air a chumail an sin mar phrìosanach fad ochd mìosan. Bha na Caimbeulach a’ feuchainn ri cead fhaighinn bho ùghdarrasan a’ Chrùin ann an Dùn Èideann Griogair a chur gu bà s.
Mu dheireadh thall, fhuair iad cead. Chaidh ceann Ghriogair a ghearradh dheth air an t-seachdamh latha dhen Ghiblean còig ceud deug is seachdad (1570). Anns an òran, tha a bhanntrach ag rà dh seo:
Eudail mhòir de shluagh an domhain,
Dhòirt iad d’ fhuil an-dè,
ʼS chuir iad do cheann air ploc daraich
Tacan beag bhod chrè.
Tha Mòr a’ seinn gum b’ fheà rr leatha gum biodh galar air athair agus gum biodh Cailean Liath a’ fulang leis a’ phlà igh. Ach dè an suidheachadh anns an robh i fhèin? Suidheachadh truagh, feumaidh mi rà dh. Bha leanabh aice – Alasdair Ruadh – ach nuair a chaidh an duine aice a chur gu bà s, bha i trom le dà rna leanabh. Leis gun robh Griogair sa phrìosan airson ochd mìosan, feumaidh gun do rugadh an leanabh ùr goirid an dèidh bàs athar. ʼS e gille eile a bh’ ann – a fhuair an t-ainm ‘Iain Dubh’.
Bha Mòr fiadhaich mu na thachair. Bha droch bheachd aice air a cinneadh fhèin – na Caimbeulaich – bho sin a-mach. Ach bha na Caimbeulaich airson smachd a chumail oirre. Rinn iad cinnteach gum biodh i pòsta às ùr aig cuideigin a bha dìleas dhaibh. Tha an t-eachdraiche, Mà rtainn MacGhriogair, dhen bheachd gum b’ e fear Raibeart Mèinnearach à Coimridh an dà rna cèile aice. Tha Coimridh deas air Uisge Lìomhann faisg air an inbhir le Uisge Tatha. A rèir choltais, bha Mòr ann an suidheachadh cofhurtail. Bha an taigh snog agus bha gu leòr anns an sporan. Ach bha Mòr ag ionndrainn Ghriogair mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Mòr Chaimbeul: Marion Campbell; Griogair Ruadh: red-haired Gregor; athair-chèile: his father-in-law; Cailean Liath: grey-haired Colin; Loch Tatha: Loch Tay; dìleas: loyal; Raibeart Mèinnearach: Robert Menzies; Coimridh: Comrie; ag ionndrainn: missing.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Thug mi dà shèist eadar-dhealaichte dhuibh an t-seachdain sa chaidh: I gave you two different choruses last week; seo agaibh treas tè: here is a third one; tha e pearsanta don tè a sgrìobh an t-òran: it is personal to the woman who wrote the song; ’s goirt mo chridhe, luaidh (or laoigh): my heart is sore, my darling; cha chluinn d’ athair ar caoidh: your father won’t hear our lament; bha na Griogaraich agus na Caimbeulaich nà imhdeil do chèile: the MacGregors and the Campbells were enemies of each other; a’ chiad latha dhen Lùnastal: the 1st of August; dà rann à aon dreach dhen òran: two verses from one version of the song; mun tà inig meadhan-latha, bha mo chridhe air a chrà dh: before midday came, my heart was in anguish; (a) rinn mo chrà dh air an dòigh: who caused me anguish in their way; thà inig gun fhios air mo ghrà dh-sa: who came upon my love unawares; ʼs a thug fo smachd e le foill: and who captured him by treachery; gum b’ fheà rr leatha: that she would have preferred; nan robh dusan gaisgeach dhen chinneadh aige fhèin air a bhith aig Griogair: if Gregor had had twelve heroes of his own clan; b’ e ainm Caisteal Bhealaich: its name was Balloch Castle; a’ feuchainn ri cead fhaighinn bho ùghdarrasan a’ Chrùin ann an Dùn Èideann Griogair a chur gu bà s: trying to obtain permission from the Crown authorities in Edinburgh to put Gregor to death; chaidh ceann Ghriogair a ghearradh dheth: Gregor was decapitated; eudail mhòir de shluagh an domhain: great treasure of the world’s people; dhòirt iad d’ fhuil an-dè: they spilled your blood yesterday; chuir iad do cheann air ploc daraich: they put your head on an oaken block; tacan beag bhod chrè: a little way from your body; bha i trom le dà rna leanabh: she was pregnant with a second child; goirid an dèidh bàs athar: shortly after his father’s death.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Mallachd aig maithibh ʼs aig cà irdean: a curse on nobles and relations. Maithibh is the old dative plural form of maith ‘a noble person’; it is in the dative (or prepositional) case following the preposition aig. The dative plural inflexion is now redundant and today we would say aig maithean for ‘at the nobility’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha mi sùgradh mar ri m’ ghrà dh: I was sporting with my love.
Broadcasts
- Sun 18 Apr 2021 22:25Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Apr 2021 22:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.