Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1118
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1118. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 23 Dec 2020
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 814
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1118
Duration: 05:00
Litir 1118: A' Ghà idhlig aig Oilthigh Ghlaschu (2)
Bha mi ag innse dhuibh mun là raich-lìn ‘Sgeul na Gà idhlig aig Oilthigh Ghlaschu’. Anns an t-seachdamh linn deug, chithear daoine le ainmean Gà idhealach a’ nochdadh air na liostaichean de luchd-ceumnachaidh, cha mhòr a h-uile bliadhna. Bha dà bhuidhinn ann gu sònraichte – na daoine-uaisle agus feadhainn a bha a’ trèanadh airson na ministrealachd.
Am measg sin bha teaghlach MhicDhùghaill Dhùin Olaidh ann an Earra-Ghà idheal. Trà th anns an t-seachdamh linn deug, b’ e an ceann-cinnidh aca Sir Iain MacDhùghaill. Chuir esan a cheathrar mhac a Ghlaschu airson an cuid foghlaim. Cheumnaich am mac a bu shine aige, Alasdair, ann an sia ceud deug is trithead (1630).Â
B’ e cinneadh eile a bha co-cheangailte ris an oilthigh – Dòmhnallaich Shlèite às an Eilean Sgitheanach. Bha an t-oilthigh a’ sireadh taic-airgid airson togalaichean a leasachadh. Am measg na chuir airgead thuca, bha Dòmhnall Gorm Òg, ceannard Dòmhnallaich Shlèite. Thug esan ceud not dhaibh airson leabharlann ùr a leasachadh.
A’ bhliadhna à s dèidh sin, chuir Dòmhnall Gorm a mhac, Seumas, a dh’Oilthigh Ghlaschu. An ceann tìde, bha Seumas na cheannard air a’ chinneadh. Thug e taic mhòr do bhà ird Ghà idhlig. Sgrìobh am bà rd ainmeil, Iain Lom, dà dhà n mu Sheumas – dà n-molaidh agus marbhrann nuair a chaochail e.Â
Bha na h-uaislean Leòdach an sàs san oilthigh cuideachd. Bha Ruairidh Mòr MacLeòid na cheannard air Clann MhicLeòid Dhùin Bheagain agus na Hearadh – no Sìol Thormoid. Chaidh na mic aige – Iain Mòr, Uilleam agus Tormod – a dh’Oilthigh Ghlaschu. B’ e Tormod am fear a b’ òige dhiubh. Fhuair e Eilean Bheà rnaraigh ann an Caolas na Hearadh mar oighreachd-fearainn. Bha e gu mòr a’ brosnachadh bà rdachd na Gà idhlig. Chaidh dà in-mholaidh a sgrìobhadh mu dheidhinn fhèin. Am measg na mhol e ann an sgrìobhadh, bha a’ bhana-bhà rd chliùiteach, Mà iri Nighean Alasdair Ruaidh.
An cinneadh Gà idhealach a bu mhotha a bha co-cheangailte ri Oilthigh Ghlaschu anns na là ithean ud, ge-tà – b’ iad sin na Caimbeulaich. Anns an t-seachdamh linn deug, chuir Gilleasbaig Caimbeul, Mac Cailein Mòr, a dhithis mhac don oilthigh. Bha Gilleasbaig am measg nan daoine a bu chumhachdaiche ann an Alba aig an à m sin. Bha e an sàs gu mòr ann an Cogaidhean nan Cùmhnantach, air taobh nan Cùmhnantach. Fhuair cuid de na Caimbeulach taic airgid bhon riaghaltas ann an Dùn Èideann airson a bhith nan oileanaich, oir ʼs e Pròstanaich a bh’ annta. Bha iad comasach air a dhol am measg nan Gà idheal, agus facal Dhè a sgaoileadh.
Aig an à m sin, cha robh am Bìoball ri fhaighinn ann an Gà idhlig. Ann an sia ceud deug, ceathrad ʼs a naoi (1649), cho-dhùin Seanadh Earra-Ghà idheal de dh’Eaglais na h-Alba Leabhar-cheist Gà idhlig fhoillseachadh. Thagh iad sgioba de sheachdnar a dhèanadh an obair. Bha sianar aca air ceumnachadh à Oilthigh Ghlaschu.
Goirid an dèidh sin, rinn an Seanadh cruinneachadh de chaogad salm ann an Gà idhlig. Bha luchd-ceumnachaidh à Oilthigh Ghlaschu am measg na chuir sin ri chèile. Agus bha daoine a bh’ air a dhol tron oilthigh anns a’ mhòr-chuid ann am buidheann a bha a’ dol a dh’eadar-theangachadh an t-Seann Tiomnaidh gu Gà idhlig. Cha do thachair e, ge-tà . Innsidh mi dhuibh tuilleadh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: MacDhùghaill Dhùin Olaidh: MacDougall of Dunollie; là mh-sgrìobhainn: manuscript; Leabharlann Nà iseanta na h-Alba: The National Library of Scotland; cinneadh: clan; dà n-molaidh: a praise poem; marbhrann: elegy; mic: sons; Pròstanaich: Protestants.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ag innse dhuibh mun là raich-lìn: telling you about the website; chithear daoine le ainmean Gà idhealach a’ nochdadh air na liostaichean de luchd-ceumnachaidh: people with Gaelic names appear on the lists of graduates; cha mhòr a h-uile bliadhna: almost every year; na daoine-uaisle agus feadhainn a bha a’ trèanadh airson na ministrealachd: the gentry and those who were training for the ministry; a cheathrar mhac: his four sons; cheumnaich am mac a bu shine aige: his eldest son graduated; ceannard Dòmhnallaich Shlèite: the head of the MacDonalds of Sleat; airson leabharlann ùr a leasachadh: to develop a new library; sgrìobh am bà rd ainmeil, Iain Lom, dà dhà n: Iain Lom, the famous poet, wrote; b’ e Tormod am fear a b’ òige dhiubh: Norman was the youngest of them; an cinneadh Gà idhealach a bu mhotha a bha co-cheangailte ri Oilthigh Ghlaschu – b’ iad sin na Caimbeulaich: the clan most associated with the University of Glasgow – that was the Campbells; am measg nan daoine a bu chumhachdaiche: among the most powerful men; an sàs gu mòr ann an Cogaidhean nan Cùmhnantach: heavily involved in the Covenanting Wars; air taobh nan Cùmhnantach: on the side of the Covenanters; agus facal Dhè a sgaoileadh: to spread the word of God; cha robh am Bìoball ri fhaighinn ann an Gà idhlig: the Bible was not available in Gaelic; cho-dhùin Seanadh Earra-Ghà idheal de dh’Eaglais na h-Alba leabhar-cheist Gà idhlig fhoillseachadh: the Synod of Argyll of the Church of Scotland decided to publish a Gaelic catechism; cruinneachadh de chaogad salm: a collection of fifty psalms; anns a’ mhòr-chuid: in the majority; a’ dol a dh’eadar-theangachadh an t-Seann Tiomnaidh: going to translate the Old Testament.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Clann MhicLeòid Dhùin Bheagain agus na Hearadh – no Sìol Thormoid: the MacLeods of Dunvegan and Harris or the descendants of Norman. This type of hypocoristic name for a clan, based on the progenitor (whether real or imaginary), is not uncommon. The Campbells are similarly known as Sìol Dhiarmaid ‘the descendants of Diarmad’. However, the Campbell chief has his own hypocoristic name – Mac Cailein Mòr ‘son of Big Colin’. In a similar way, the chief of the Frasers of Lovat is known as Mac Shimidh ‘son of Simon’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: An ceann tìde: in time, after a period.
Broadcasts
- Sun 20 Dec 2020 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 23 Dec 2020 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.