Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1117
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1117. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 16 Dec 2020
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 813
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1117
Duration: 05:00
Litir 1117: A' Ghà idhlig aig Oilthigh Ghlaschu (1)
Thà inig mi tarsainn air là rach-lìn inntinneach o chionn ghoirid. ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘Sgeul na Gà idhlig aig Oilthigh Ghlaschu’. Tha i dà -chà nanach. Gheibhear i aig sgeulnagaidhlig.ac.uk. Tha i ag innse dhuinn mu na ceanglaichean eadar an t-oilthigh agus a’ Ghà idhlig thar nan linntean.
Chaidh an t-oilthigh a chur air chois ann an ceithir cheud deug, caogad ʼs a h-aon (1451). Aig an à m sin, bha Gà idhlig ga bruidhinn ann an sgìrean dùthchail faisg air Glaschu, agus feadhainn dhiubh deas air a’ bhaile. A bharrachd air sin, bha ceangal oifigeil ann eadar an t-oilthigh agus eaglaisean paraiste far an robh an cà nan ga bruidhinn – ann an Comhghall, Bòd is Ìle. Bhiodh ceudan bhliadhnaichean ann mus biodh a’ Ghà idhlig air a teagasg anns an oilthigh, ach bha Gà idheil nan oileanaich ann bho chionn fhada.
Nuair a chaidh Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh, thòisich daoine ann an Earra-Ghà idheal, a bha ag amas air a bhith nam pearsaichean eaglais, a dhol ann. Roimhe sin, fhuair iad an cuid foghlaim ann an Oilthigh Chill Rìmhinn. Aig an à m sin, bha Gà idhlig air a bruidhinn air feadh Earra-Ghà idheal. Am measg nan ainmean Gà idhealach a nochdas air clà r nan oileanach, tha MacCombaich, MacThà mhais, MacLaomainn, Mac a’ Bhiocair, MacLachlainn agus MacMhuirich.
Tha ainm cliùiteach a’ nochdadh ann an co-cheangal ri Oilthigh Ghlaschu anns an t-siathamh linn deug. B’ e sin Iain Major, a sgrìobh anns an leabhar aige mu eachdraidh Bhreatainn gun robh Gà idhlig aig cha mhòr an dà rna cuid de mhuinntir na h-Alba aig an à m sin. Ciamar a bha e ceangailte ri Oilthigh Ghlaschu? Uill, bha e na Phrionnsabal ann eadar còig ceud deug is ochd-deug (1518) agus còig ceud deug, fichead ʼs a trì (1523).
Fear eile cliùiteach a bha co-cheangailte ris an oilthigh – b’ esan Ualtar MacUalraig no Ceanadach, am bà rd. ʼS ann à Carraig ann an Siorrachd Àir a bha Ualtar, agus bha e na Ghà idheal. Bha Gà idhlig fhathast air a bruidhinn ann an Carraig agus Gall-Ghà idhealaibh aig an à m sin. Tha Ualtar ainmeil airson ʼs mar a bha e fhèin is Uilleam Dunbar, bà rd Gallta, a’ magadh air a chèile ann an aoir. B’ e cuspair na h-aoire – dè bha e a’ ciallachadh a bhith nad Albannach? Bha Dunbar a’ cur sìos air MacUalraig airson a bhith dìleas don Ghà idhlig. Bha MacUalraig a’ cur sìos air Dunbar a chionn ʼs nach robh Gà idhlig aige!Â
Co-dhiù, cheumnaich MacUalraig o Oilthigh Ghlaschu le MA ann an ceithir cheud deug, seachdad ʼs a h-ochd (1478). Agus bha a mhac, Ualtar eile, air a dhèanamh na reactor ann, ann an còig ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1524).
Aig deireadh an t-siathamh linn deug agus anns a’ chiad leth dhen t-seachdamh linn deug, bha gu leòr de Ghà idheil mar oileanaich aig an oilthigh. Bha a’ chuid a bu mhotha aca à Earra-Ghà idheal. Aig an à m sin, nam biodh ainm Gà idhealach ort, agus tu à Earra-Ghà idheal no Na Tròisichean, bhiodh Gà idhlig agad. ʼS iad na h-ainmean a chì sinn – Caimbeul, MacLachlainn, Darach, Camshron, Bochanan, MacCombaich, MacIllEathain, MacCalmain, MacLeòid, Mac a’ Bhreatannaich agus MacGuaire. Chun na h-ath-sheachdain, beannachd leibh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Gheibhear i: it is obtained [ie reached]; Comhghall, Bòd is Ìle: Cowal, Bute and Islay; Earra-Ghà idheal: Argyll; Ualtar MacUalraig: Walter Kennedy; Na Tròisichean: The Trossachs.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Thà inig mi tarsainn air là rach-lìn inntinneach o chionn ghoirid: I came across an interesting website recently; chaidh an t-oilthigh a chur air chois: the university was established; feadhainn dhiubh deas air a’ bhaile: some of them south of the town; MacCombaich, MacThà mhais, MacLaomainn, Mac a’ Bhiocair, MacLachlainn agus MacMhuirich: Colquhoun, MacTavish, Lamont, MacVicar, MacLachlann and MacMhuirich; gun robh Gà idhlig aig cha mhòr an dà rna cuid de mhuinntir na h-Alba: that almost half the population of Scotland spoke Gaelic; ʼs ann à Carraig ann an Siorrachd Àir a bha X: X was from Carrick in Ayrshire; mar a bha e fhèin is Uilleam Dunbar, bà rd Gallta, a’ magadh air a chèile ann an aoir: how he and William Dunbar, a Lowland poet, were mocking each other in satire; a’ cur sìos air MacUalraig airson a bhith dìleas don Ghà idhlig: criticising Kennedy for being loyal to Gaelic; a chionn ʼs nach robh Gà idhlig aige: because he didn’t speak Gaelic; ʼs iad na h-ainmean a chì sinn: the names we see are; Caimbeul, MacLachlainn, Darach, Camshron, Bochanan, MacCombaich, MacIlleathain, MacCalmain, MacLeòid, Mac a’ Bhreatannaich, MacAlasdair agus MacGuaire: Campbell, MacLachlann, Darroch, Cameron, Buchanan, Colquhoun, Maclean, MacCalman, MacLeod, Galbraith, MacAlister and MacQuarrie.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Aig an à m sin, bha Gà idhlig ga bruidhinn ann an sgìrean dùthchail faisg air Glaschu: at that time, Gaelic was spoken in country areas close to Glasgow. This is a passive construction which incorporates the possessive pronoun. This is the reason bruidhinn is not lenited – because Gaelic is feminine and the third person feminine singular pronoun does not lenite a noun. Similarly we would say bha an obair ga dèanamh ‘the work was being done’ because obair is feminine. In contrast we would say tha uan ga thoirt seachad ‘a lamb is being given away’. Toirt is lenited because uan is masculine.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: thar nan linntean: over the centuries/ages.
Broadcasts
- Sun 13 Dec 2020 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 16 Dec 2020 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.