Main content
Sorry, this episode is not currently available

18/12/2020

Bidh sgoilearan à Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis ag innse dhuinn mu na traidiseanan Nollaig ann an 5 dùthchannan thall thairis.
Christmas traditions in five overseas countries.

Tha prògram loma-làn aig Marie dhuibh an t-seachdain seo agus i a' toirt sùil air àm na Nollaig, chan ann a-mhàin ann an Alba oir bidh sgoilearan à Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis mu àm na Nollaig ann an còig dùthchannan eile.

Cluinnidh sinn beachd Lachlann air a' film Wolfwalkers agus bidh Ruairidh ag innse dhuinn mu eachdraidh chracairean Nollaig agus gheibh sinn a-mach mar a thòisich an traidisean a bhith a' seinn laoidhean Nollaig.

A bharrachd air a sin, cluinnidh sinn mu Phanto na Nollaig aig sgioba CÂ鶹ԼÅÄ Alba.

57 minutes

Last on

Sat 19 Dec 2020 12:00

Trufailean

Trufailean

Trufailean beaga milis ann an cruth bodach-sneachda

Ma tha sibh airson beagan bèicearachd a dheànamh airson àm na Nollaig, carson nach fheuch sibh air trufailean beaga milis – ann an cruth bodach-sneachda...

Airson seo, feumaidh sibh: 

220g de bhriosgaidean dinnsear

120g de chàise bog

Agus airson an sgeadachadh...

250g de sheòclaid gheal

Siùcairean agus putain seòclaid 

Siùcar còmhdachaidh dubh is orains airson sgrìobhadh air na bodaich

Biorain fhiaclan

¶Ùò¾±²µ³ó:

An tòiseach, prann na briosgaidean nam pìosan beaga.

Measgaich an càise bog agus na briosgaidean còmhla gus am bi taois agad.

Dèan 6 buill cruinn leis an taois, beagan nas lugha na buill ping pong.

An uair sin, dèan 6 buill eile, beagan nas lugha nan fheadhainn mhòra. Ma tha an taois rud beag steigeach, faodaidh sibh beagan uisge a chur air ur làmhan agus bidh e nas fhasa na buill a dheànamh.

Cuir am ball mòr aig a’ bhonn agus ball beag air a mhuin agus cur bioran fhiacail tron dà bhall. Lean ort gus am bi iad uile dèante.

Cuir air trèidhe iad agus dhan frids leotha airson fuarachadh airson mu uair a thìde.

Le taic bho inbheach, leagh an t-seòclaid gheal agus nuair a tha na buill air fuarachadh, còmhdaich iad leis an t-seòclaid. Cuir air ais air an trèidhe iad gus an tiormaich iad. 

Cleachd an t-siùcar còmhdachaidh agus sgeadaich do bhodach-sneachda - dubh airson a shùilean agus na putain, agus orains airson a shròin.  

Thoir a-mach na biorain. 

A’ cleachdadh rud beag siùcar còmhdachaidh, cuir putan seòclaid air mullach a’ bhodaich agus beagan a bharrachd siùcar air muin sin agus seòclaid cnapach eile air a’ mhullach airson ad a thoirt dha. Sin agad e. 

Gu math furasta agus sìmplidh airson an toirt seachad mar phreusant no airson an ithe!

Na dh'fheumas sibh

Na dh'fheumas sibh

Broadcasts

  • Fri 18 Dec 2020 14:00
  • Sat 19 Dec 2020 12:00