Main content
This programme is not currently available

Làrach Cogaidh - Loidhne-rèile Burma

Fianais bho feadhainn dha na bha a' togail a rèile ann am Burma an àm an Dàrna Cogaidh. First-hand accounts from some of those who were POWs building the Burma Railway during WW2.

Am measg slighean-rèile an t-saoghail, tha aona rathad-rèile ann a dhùisgeas smuaintean, chan ann idir air bòidhchead an t-slighe, ach air ceistean fada nas duirche, mar, dè cho suarach is cho brùideil ‘s as urrainn do mhac an duine a bhith do a cho-chreutair a tha e a' faicinn mar nàmhaid?

'S e sin am Burma Railway, rathad-rèile a chaidh a thogail aig àm an darna cogaidh eadar Thailand agus Burma. Tha e mu 250 mìle de dh'fhaid. Ach is e prìosanaich-cogaidh a chuir arm Iapan a' sàs anns an obair seo. Cha tug iad ach beagan a bharrachd air bliadhna ris, a' dol tro choilltean fliuch le teas is buige, tarsainn aibhnichean is tron chreag. Bha còrr agus 600 drochaid aca ri thogail, mar eisimpleir agus chaill na mìltean am beatha ag obair air leis an droch laimhseachaidh a fhuair iad bho saighdearan Iapan.

Am measg an fheadhainn a fhuair air iad fhèin a chumail beo tron uabhas seo, ‘s a thug cunntas dhuinn air an eachdraidh, bha Donnchadh MacRisnidh, Donnchadh Shake à Suaineabost Nis, agus Calum Macleòid, Calum Dhòmhnaill Iain às Ard Àsaig sna Hearadh, a bha le chèile anns na Argylls.

Tha Dòmhnall Mac a' Ghobhainn a' toirt thugainn na sgeòil.

30 minutes

Last on

Sun 11 Oct 2020 10:00

Broadcasts

  • Tue 6 Oct 2020 12:00
  • Tue 6 Oct 2020 22:00
  • Sun 11 Oct 2020 10:00