Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh bàrdachd na seachdain

A' bhàrdachd a chaidh a thaghadh an t-seachdain sa airson Mìos na Bàrdachd againn. A compilation of the poems chosen this week by listeners for our Poetry Month.

A h-uile là seachdaineach san t-Sultain air Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gàidheal, tha sinn a’ cluinntinn na taghaidhean bàrdachd Ghàidhlig as fhèarr le grunn dhaoine bho thall ‘s a bhos. Dh’fhaighnich sinn dhaibh dè an dàn as fhèarr leòtha agus carson a tha e cudromach dhaibh. A seo tha cothrom agaibh èisteachd ri taghaidhean na seachdain a dh’ fhalbh agus dhà bhon an t-seachdain sa tighinn.

Thagh Fiona NicÌosaig dàn bhon eilean aice fhèin, Chuala mi an Damh Donn le Dòmhnall Ruadh Chorùna à Uibhist a Tuath. Coltach ri Fiona, thagh Ross Christie pìos bàrdachd a bhuineas dha a sgìre fhèin ann an Earra-Ghàidheal, Blàth-fhleasg o Mhòd nam Mac-meanma le Catrìona NicIlleBhàin Ghrannd agus 's e an t-òran Leòdhasach ainmeil, Eilean Fraoich le Uilleam MacCoinnich a roghnaich an Leòdhasach Murchadh ‘Cloudy’ Macleòid. Innsidh Liam Crouse mun mheas a th’ aige air Taigh a’ Bhàird le Dòmhnall Iain Dhonnchaidh agus bruidhinnidh Gordon Camshron mun àite a th’ aige do Oideachadh Ceart le Aonghas Dubh MacNeacail. Agus tha adhbhar tiamhaidh aig Aonghas MacIllFhinnein airson Caolas an Scarpa le Aonghas MacIlleathain a thaghadh.

30 minutes

Last on

Sun 20 Sep 2020 16:05

Broadcast

  • Sun 20 Sep 2020 16:05