Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh bàrdachd

Cuid den bhàrdachd a chaidh a thaghadh airson Mìos na Bàrdachd againn. A compilation of some of the poems chosen by listeners for our Poetry Month.

A h-uile là seachdaineach san t-Sultain air Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gàidheal, chuala sinn na taghaidhean bàrdachd Ghàidhlig a b' fheàrr le grunn dhaoine bho thall ‘s a bhos. Dh’fhaighnich sinn dhaibh dè an dàn a b' fheàrr leotha agus carson a bha e cudromach dhaibh. A seo tha cothrom agaibh èisteachd ri cuid de na taghaidhean sin.

'S e Do Mo Mhàthar leis a' bhàrd chliùiteach Iain Mac a’ Ghobhainn a thagh Priscilla Scott agus innsidh Alasdair Currie à Ìle mu Tuireadh nan Treun, bàrdachd leis a' bhàrd Ìleach, Donnchadh MacIain. ‘S fhada bhon a ghabh Neilian Mhoireach ùidh anns an dàn Mo Theintean Fhein le Iain A MacLeòid agus mìnichidh i carson a tha i cho measail air. Thagh am fear-ciùil Tiristeach Iain Mac a’ Ghobhainn bàrdachd Thiristeach, Òran Mhanitoba; roghnaich Peigi, nighean òg aois bun-sgoile an t-òran thraidiseanta, Màili Dhonn leis gu bheil i cho measail air a bhith a’ seòladh. Cluinnidh sinn cuideachd Gwen NicGuaire a' roghnachadh dàn a tha gu math faisg air a cridhe ann an iomadach dòigh, ’S i a’ Ghàidhlig le a h-athair, Donnchadh MacGuaire, nach maireann.

30 minutes

Last on

Wed 30 Dec 2020 12:30

Broadcasts

  • Sun 13 Sep 2020 16:05
  • Wed 30 Dec 2020 12:30