Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-seachdain sa ann an eachdraidh le Aonghas Pàdraig Caimbeul. Angus Peter Campbell explores this week in history.

Tha draghan air a’ Ghàidhealtachd mun àireamh de choin a chaidh am bìdeadh agus an lòn le asg, no adder, as t-Samhradh. Chaidh rabhadh a chuir ma sgaoil choimhearsnachd Chiseoirn tro na meadhanan-sòisealta ri linn ‘s gun robh na h-uiread de choin ionadail a’ fulaing as deidh ionnsaigh nathrach. Bha aithrisean ann cuideachd gun robh an aon rud air tachairt an sgire Gheàrrloch. Tha an eòlaiche-bheathaichean Eòghainn MacCoinnich còmhla rinn le beagan fiosrachaidh mun nathair.

Bidh cothrom againn cuideachd sgrìob a ghabhail air ais ann an tasglann a’ phrògram gus èisteachd a-rithist ri Fionnlagh Macleòid ‘s e ag innse dhuinn mu Thormoid Moireasdan à Siabost, Leòdhas a sgrìobh an leabhar “The Life Story of the Adder” ann a 1924.

Cluinnidh sinn bho Anna NicSuain mu mar a sgrìobh oileanach às an Danmhairc leabhran mu bhaile Na Còig Peighinnean bho chionn 40 bliadhna agus an càirdeas a sheas on uairsin.

Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a’ coimhead air an t-seachdain sa ann an eachdraidh gus fios fhaighinn mu na h-iomadh tachartasan a ghabh àite thairis nam bliadhnaichean.

57 minutes

Last on

Wed 29 Jul 2020 21:30

Broadcasts

  • Wed 29 Jul 2020 09:00
  • Wed 29 Jul 2020 21:30