Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1096
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1096. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 22 Jul 2020
23:30
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 792
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1096
Duration: 04:59
Litir 1096: Raibeart Armstrong (1)
Bha mi ag innse dhuibh mu Raibeart Armstrong à Siorrachd Pheairt a chuir faclair Gà idhlig ri chèile ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a còig (1825). Bha athair, air an robh Raibeart mar ainm cuideachd, na mhaighstir-sgoile anns a’ Cheannmhor aig ceann an ear Loch Tatha. An dèidh dha sgoil athar fhà gail, chaidh Raibeart don oilthigh, an toiseach ann an Dùn Èideann, agus an uair sin ann an Cill Rìmhinn. Thà inig e a-mach mar sgoilear air leth de Sheann Ghreugais agus Laidinn.
An dèidh dha ceumnachadh, bha Raibeart na oide aig Archibald Butter à Fas Choille, faisg air Baile Chloichridh. Bha e cho measail air Butter ʼs gun do ghabh e ainm an duin-uasail air fhèin. Bha e aithnichte a-nise mar ‘R. A. Armstrong’ – Robert Archibald. Ann an Gà idhlig, ghabh e ‘Raibeart Gilleasbuig Armstrong’ air fhèin.
Bha Armstrong a-nise deiseil airson a bhith na mhinistear, agus chaidh e cho fada ʼs gun do dh’fhoillsich e dà shearmon. Ge-tà , an à ite a bhith a’ cur a-staigh airson a bhith na mhinistear paraiste, dh’fhalbh e a Lunnainn. Bha e airson sgoil a chur air dòigh, anns am biodh e ag oideachadh mic dhaoin-uaisle.
Bha e a’ fuireach an toiseach ann an Chelsea. An dèidh sin, bha e ann an ceà rnaidhean eile dhen chathair-bhaile. Airson còrr is fichead bliadhna, bha e a’ ruith an South Lambeth Grammar School. Bha Armstrong gu math soirbheachail mar neach-teagaisg agus maighstir-sgoile. ʼS iomadh gille a fhuair oideachadh bhuaithe, agus a chaidh air adhart gu dreuchd cudromach.Â
Fhad ʼs a bha Raibeart ann an Lunnainn, chuala e gun robh Comunn Gà idhealach na h-Alba – The Highland Society of Scotland – am beachd faclair Gà idhlig a chur ri chèile. Bha iad air triùir sgoilearan fhastadh airson na h-obrach. Uill, bha ar laoch, Raibeart, dhen bheachd gun dèanadh esan faclair a cheart cho math, agus a cheart cho luath, riutha.
Bha e trang leis an obair là itheil aige, agus cha robh cus ùine aige airson faclair a chur ri chèile. Ach, a dh’aindeoin sin, rinn e adhartas math. Ge-tà , nuair a bha e air a dhol cho fada ris an litir ‘M’, chaidh togalach an fhoillsicheir a losgadh gu là r. B’ fheudar do Raibeart an obair aige a thòiseachadh à s ùr.Â
Bha e gu math dìcheallach, agus chaidh am faclair aige fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a còig (1825). Agus ciamar a bha dol don triùir sgoilearan aig Comunn Gà idhealach na h-Alba? Obh obh ... bha trì bliadhna eile gu bhith ann mus nochdadh am faclair acasan!
Bha fèill air faclair Armstrong, a rèir choltais. Bha e gu math mòr. Bha còrr is mìle duilleag ann. Bha caibideil ann mu ghrà mar na Gà idhlig. Agus b’ e a’ chiad fhaclair Gà idhlig a thug sùil air bunachas fhaclan.
Sgrìobh an Literary Gazette gum bu chòir don a h-uile cà nanaiche anns an Roinn Eòrpa lethbhreac fhaighinn, oir bha Armstrong air a shùil a thoirt air seachdad cà nan, agus mar sin gun robh an obair aige airidh air moladh mòr. Sgrìobh an Athenaeum gun robh e na b’ fheà rr na faclair sam bith eile a bhuineadh do na cà nanan Ceilteach. Agus chaidh Armstrong ainmeachadh mar am Faclairiche Gà idhlig Rìoghail do Rìgh Seòras IV dhan robh an leabhar aige air ainmeachadh. Ach cha robh cùisean buileach rèidh dha, mar a chì sinn an-ath-sheachain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Siorrachd Pheairt: Perthshire; Cill Rìmhinn: St Andrews; aithnichte: known, recognised; Lunnainn: London; dìcheallach: conscientious; obh obh: oh dear; na cà nanan Ceilteach: the Celtic languages.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha athair ... na mhaighstir-sgoile anns a’ Cheannmhor aig ceann an ear Loch Tatha: his father ... was a schoolmaster in Kenmore at the eastern end of Loch Tay; sgoilear air leth de Sheann Ghreugais agus Laidinn: a fine scholar of Ancient Greek and Latin; an dèidh dha ceumnachadh, bha Raibeart na oide: after graduating, Robert was a tutor; deiseil airson a bhith na mhinistear: ready to be a minister; chaidh e cho fada ʼs gun do dh’fhoillsich e dà shearmon: he went as far as to publish two sermons; anns am biodh e ag oideachadh mic dhaoin-uaisle: in which he would be instructing the sons of gentlemen; bha e ann an ceà rnaidhean eile dhen chathair-bhaile: he was in other parts of the city; soirbheachail mar neach-teagaisg agus maighstir-sgoile: successful as a teacher and schoolmaster; chuala e gun robh X am beachd faclair Gà idhlig a chur ri chèile: he heard that X was intending to put together a Gaelic dictionary; bha iad air triùir sgoilearan fhastadh airson na h-obrach: they had hired three scholars for the work; bha ar laoch dhen bheachd gun dèanadh esan faclair a cheart cho math, agus a cheart cho luath, riutha: our ‘hero’ reckoned he could create just as good a dictionary, and just as quick as them; chaidh togalach an fhoillsicheir a losgadh gu là r: the publisher’s building was burned to the ground; bha còrr is mìle duilleag ann: it contained more than a thousand pages; bha X air a shùil a thoirt air seachdad cà nan: X had looked at seventy languages; cha robh cùisean buileach rèidh dha: things weren’t entirely harmonious for him.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: chaidh Armstrong ainmeachadh mar am Faclairiche Gà idhlig Rìoghail do Rìgh Seòras IV dhan robh an leabhar aige air ainmeachadh: Armstrong was named as Gaelic Lexicographer Royal to King George IV to whom they book was dedicated. It is rather the tendency for us today to use the term Deòrsa for royal personages, even though George is more commonly Seòras. Why, then, did I choose Seòras on this occasion? Because Armstrong did! In his dedication, he wrote: ‘CHUM A MHORALACHD RIOGHAIL, SEÒRUS IV.’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ciamar a bha dol don triùir sgoilearan?: how were the three scholars getting on?
Broadcasts
- Sun 19 Jul 2020 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Jul 2020 23:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.