Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1041
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1041. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 3 Jul 2019
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 737
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1041
Duration: 05:00
Litir 1041: An Uamh Mhòr (1)
Tha mi air ais ann am Bà ideanach an t-seachdain seo oir bu toigh leam innse dhuibh mun Uaimh Mhòir sear air Ceann a’ Ghiùthsaich. Tha i faisg air baile-fearainn air a bheil Raitts, no Rà t ann an Gà idhlig. Tha mòran de mhuinntir an à ite a’ gabhail ‘Raitts Cave’ oirre. Ach chan eil i nà darrach. ʼS e seòrsa de thaigh fo-thalamh a th’ innte, seach uamh nà darrach.Â
Air mapaichean an latha an-diugh, chì sibh ‘souterrain’ far a bheil i. Air seann mhapaichean, ge-tà , chì sibh ‘Pict House’ no ‘Pictish House’ no ‘Earth-house’. Tha seann stòiridh co-cheangailte rithe. Ach, mus tig mi gu sin, bu mhath leam innse dhuibh mun turas a chaidh an neach-saidheans ainmeil, Sir Daibhidh Brewster, ann.Â
Ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a còig (1835), bha Brewster a’ fuireach ann am Baile a’ Bhile, dachaigh an uachdarain, Mac a’ Phearsain – no MacMhuirich. Bha Brewster pòsta aig Juliet, nighean an uachdarain, Seumas Bà n, no mar a chanar ann am Beurla ris, James ‘Ossian’ MacPherson.
Bha Brewster gu math aithnichte ri a linn. Am measg mòran eile, chruthaich e an stereoscope 3-D agus an kaleidoscope. An robh fios agaibh gur e Albannach a chruthaich an kaleidoscope?
Thug Brewster sùil air an Uaimh Mhòir a bha là n chlachan is sprùilleach aig an à m. Thug e an sprùilleach a-mach agus lorg e taigh fo-thalamh a bha iongantach. Bha e fada is rudeigin caol, le leacan cloiche air gach taobh. Bha am mullach air a dhèanamh de leacan cuideachd. Sin mar a tha an t-à ite, an ìre mhath, chun an latha an-diugh.
Tha an Uamh ann an cruth crudha-eich. Tha an ceann os-chearclach dhith a’ coimhead chun a’ chinn a deas – a dh’ionnsaigh a’ Mhonaidh Ruaidh agus beanntan Athall. Tha an sealladh aiste brèagha.Â
Chan eil fhios a’m dè an coltas a bh’ air an dùthaich nuair a chaidh an Uamh Mhòr a thogail, ach an-diugh tha i ann am meadhan pà irc ionaltraidh do chrodh no caoraich. Tha feansa timcheall oirre airson stad a chur air sprèidh bho bhith a’ faighinn a-steach.
Cha b’ e sin a’ chiad turas a rinneadh iomradh air an uaimh. Trà th anns an naoidheamh linn deug, sgrìobh fear às an sgìre mu a deidhinn. Chuir esan ainm eile oirre – MacNiven’s Cave – Uamh Chlann ʼic Ille Naoimh. Carson a tha sin? Uill, tha seann sgeulachd a tha a’ dèanamh ceangal eadar an Uamh agus Clann ʼic Ille Naoimh. Tha mi airson a h-aithris dhuibh.
O chionn fhad an t-saoghail, bha Clann ʼic Ille Naoimh rudeigin cumhachdach ann am Bà ideanach. Bha iad ann an caidreabh leis na Cuimeanaich – Iarlan Bhà ideanach. Thug Clann ʼic a’ Phearsain à Loch Abar taic do Rìgh Raibeart am Brusach ann a bhith a’ smachdachadh nan Cuimeanach. Thug an Rìgh fearann dhaibh ann am Bà ideanach – fearann a bha roimhe leis na Cuimeanaich. Dh’èirich naimhdeas, mar sin, eadar na Cuimeanaich agus Clann ʼic a’ Phearsain. Bha sin a’ ciallachadh gun robh Clann ʼic Ille Naoimh cuideachd nan nà imhdean aig Clann ʼic a’ Phearsain.
A rèir beul-aithris, thog Clann ʼic Ille Naoimh creach air fearann aig Mac a’ Phearsain à Cluainidh, taobh an Lagain. An toiseach, cha do chuir Mac a’ Phearsain feachd ri chèile. An à ite sin, chuir e a nighean gu ruige Clann ʼic Ille Naoimh mar theachdaire. Ach, mar a chì sinn anns an ath Litir, cha do shoirbhich leatha.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Bà ideanach: Badenoch; Ceann a’ Ghiùthsaich: Kingussie; baile-fearainn: farm, fermtoun; Clann ʼic Ille Naoimh: the MacNivens; Loch Abar: Lochaber; nà imhdean: enemies.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ʼS e seòrsa de thaigh fo-thalamh a th’ innte, seach uamh nà darrach: it’s a sort of underground house, rather than a natural cave; tha seann stòiridh co-cheangailte rithe: there is an old story linked to it; là ithean-saora ann am Baile a’ Bhile, dachaigh an uachdarain: holidays in Balavil, the home of the laird; pòsta aig Juliet: married to Juliet; là n chlachan is sprùilleach: full of stones and rubble; fada is rudeigin caol, le leacan cloiche air gach taobh: long and rather narrow, with stone slabs on each side; cruth crudha-eich: the shape of a horseshoe; tha an ceann os-chearclach dhith a’ coimhead chun a’ chinn a deas: the convex end of it looks towards the south; a dh’ionnsaigh a’ Mhonaidh Ruaidh agus beanntan Athall: towards the Cairngorms and the mountains of Atholl; tha an sealladh aiste brèagha: the view from it is beautiful; ann am meadhan pà irc ionaltraidh do chrodh no caoraich: in the middle of a grazing field for cattle or sheep; airson stad a chur air sprèidh bho bhith a’ faighinn a-steach: to stop livestock from getting in; a’ chiad turas a rinneadh iomradh air an uaimh: the first time the cave was mentioned; o chionn fhad an t-saoghail: a long time ago; ann an caidreabh leis na Cuimeanaich: in an association with the Cummings; fearann a bha roimhe leis na Cuimeanaich: land that was previously owned by the Cummings; thog Clann ʼic Ille Naoimh creach air fearann aig Mac a’ Phearsain à Cluainidh, taobh an Lagain: the MacNivens made a cattle raid on the land of MacPherson of Cluny, over Laggan way; cha do chuir X feachd ri chèile: X did not put together a band of men; chuir e a nighean gu ruige Clann ʼic Ille Naoimh mar theachdaire: he sent his daughter to MacNiven as a messenger.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chan eil fhios a’m: I don’t know. It’s acceptable to write agam as ²¹â€™m, particularly in a situation where it is pronounced that way – which is generally the case in informal speech. The apostrophe replaces the missing letters. You will see agad sometimes written as ²¹â€™d in the same way – eg ʼeil fhios ²¹â€™d. (the Gaelic equivalent of the throw-away ‘you know’ or ‘ye ken’).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: cha do shoirbhich leatha: she wasn’t successful.
Broadcasts
- Sun 30 Jun 2019 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 3 Jul 2019 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.