Main content

An Litir Bheag 737

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 737. Roddy Maclean is back with this week's short letter for Gaelic learners.

Available now

3 minutes

Last on

Sun 30 Jun 2019 16:00

Clip

An Litir Bheag 737

Bu toigh leam innse dhuibh mun Uaimh Mhòir sear air Ceann a’ Ghiùthsaich. Tha i faisg air baile-fearainn air a bheil Raitts, no ¸éà³Ù ann an Gàidhlig. Tha mòran de mhuinntir an àite a’ gabhail ‘Raitts Cave’ oirre. Ach chan eil i nàdarrach. ʼS e seòrsa de thaigh fo-thalamh a tha innte. 

Air mapaichean an latha an-diugh, chì sibh ‘souterrain’ far a bheil i. Air seann mhapaichean, ge-tà, chì sibh ‘Pict House’ no ‘Pictish House’ no ‘Earth-house’. Ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a còig (1835), bha am fear-saidheans ainmeil Sir Daibhidh Brewster a’ fuireach ann am Baile a’ Bhile, faisg air làimh. Bha e pòsta aig Juliet, nighean an uachdarain, Seumas Bàn, no James ‘Ossian’ MacPherson.

Bha Brewster gu math aithnichte ri a linn. ʼS e a chruthaich an kaleidoscope. Thug e sùil air an Uaimh Mhòir. Bha i làn chlachan is sprùilleach. Thug iad an sprùilleach a-mach. Lorg iad taigh fo-thalamh a bha iongantach. Bha e fada is caol, le leacan cloiche air gach taobh. Bha am mullach air a dhèanamh de leacan cuideachd. Tha e ann an cruth crudha-eich agus an-diugh ann am meadhan pàirc ionaltraidh. 

Bha cuid a’ gabhail Uamh Chlann ʼic Ille Naoimh oirre – MacNiven’s Cave. Tha mi airson innse dhuibh carson.

O chionn fhad an t-saoghail, bha Clann ʼic Ille Naoimh cumhachdach ann am Bàideanach. Bha iad ann an caidreabh leis na Cuimeanaich – Iarlan Bhàideanach. Thug Clann ʼic a’ Phearsain à Loch Abar taic do Rìgh Raibeart am Brusach ann a bhith a’ smachdachadh nan Cuimeanach. Thug an Rìgh fearann dhaibh ann am Bàideanach. Bha am fearann sin roimhe leis na Cuimeanaich. 

Dh’èirich naimhdeas, mar sin, eadar na Cuimeanaich agus Clann ʼic a’ Phearsain. Bha sin a’ ciallachadh gun robh Clann ʼic Ille Naoimh cuideachd nan nàimhdean aig Clann ʼic a’ Phearsain.

A rèir beul-aithris, thog Clann ʼic Ille Naoimh creach air fearann aig Mac a’ Phearsain à Cluainidh, taobh an Lagain. An toiseach, cha do chuir Mac a’ Phearsain feachd ri chèile. An àite sin, chuir e a nighean gu ruige Clann ʼic Ille Naoimh mar theachdaire. Ach, mar a chì sinn anns an ath Litir, cha do shoirbhich leatha.

The Little Letter 737

I would like to tell you about the ‘Big Cave’ east of Kingussie. It’s near a farm called Raitts, or ¸éà³Ù in Gaelic. Many local people call it ‘Raitt’s Cave’. But it’s not natural. It’s a sort of underground house.

On today’s maps, you’ll see ‘souterrain’ where it is. On old maps, however, you’ll see Pict House’ or ‘Pictish House’ or ‘Earth-house’. In 1835, the famous scientist Sir David Brewster was taking holidays in Balavil nearby. He was married to Juliet, the daughter of the landlord, Seumas Bàn, or James ‘Ossian’ MacPherson.

Brewster was well known in his day. He invented the kaleidoscope. He examined the Big Cave. It was full of stones and rubble. They took the rubble out. They found an underground house that was amazing. It was long and narrow, with stone slabs on each side. The roof was built of slabs also. It’s in the form of a horseshoe and today in the middle of a grazing field.

Some called it MacNiven’s Cave. I want to tell you why.

A long time ago, the MacNivens were powerful in Badenoch. They were in association with the Cummings – the Earls of Badenoch. The MacPhersons from Lochaber helped King Robert the Bruce in controlling the Cummings. The King gave them land in Badenoch. That land was previously owned by the Cummings.

An enmity thus arose between the Cummings and the MacPhersons. That meant that the MacNivens were also the enemies of the MacPhersons.

According to oral tradition, the MacNivens raided the cattle on the land of MacPherson of Cluny, over Laggan way. To begin with, MacPherson did not put together an armed band. Instead of that, he sent his daughter to MacNiven as a messenger. But, as we shall see in the next Litir, she wasn’t successful.

Broadcast

  • Sun 30 Jun 2019 16:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast