Mar a tha Vietnam air ullachadh airson Kim Jong-Un agus Trump
A bheil Vietnam deiseil son fà ilte a chur air Kim Jong-Un agus Trump?
Are the Vietnamese ready to welcome both Kim Jong-Un and Donald John Trump?
Chan fhada gus an tòisich na còmhraidhean eadar Dòmhnall Iain Trump agus Kim Jong-Un ann an Vietnam. Agus tha Coinneach a’ cluinntinn bho Magnus Greumach, a tha a’ fuireachd san dùthaich, mar a tha muinntir na dùthcha deiseil son fà ilte a chur air dithis gu math cudromach, ann an dùthaich le eachdraidh gu math buaireanta nuair a thig e gu Ameireaga. Ach cò ris a tha e coltach a bhith a’ fuireachd ann? Innsidh Michelle NicLeòid agus Eilidh NicLeòid mar a chòrd an turasan a Vietnam riuthasan nuair a bha iad thall.
Cuideachd an-diugh, beachd air mar a tha na Dùthchannan Aonaichte air iarraidh air Breatainn na h-Eileanan Chagos a leigeil seachad. Cà ite a bheil na h-eileanan, agus carson a dh’fhuadaich Breatainn na h-eileanan bhon dachannan o chionn còrr air leth-cheud bliadhna?
Tha Dòmhnall Dòmhnallach a’ mìneachadh na fònaichean ùra a ghabhas an lùbadh agus am pasgadh.
Agus tha Eòghainn Mitchison a’ gabhail sgrìob tro na pà ipearan naidheachd agus na meadhanan sa Bhruiseal, is Brexit fhathast na chuspair a tha a’ togail cheistean agus deasbad air gach taobh de Chaolas Shasainn.
bbc.co.uk/Coinneach
Last on
Broadcasts
- Wed 27 Feb 2019 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 27 Feb 2019 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal