Bochdainn connaidh ann an Alba
Ciamar a tha na h-eileanan a’ fulang le bochdainn connaidh nas miosa na sgìrean eile? Why do the Western Isles suffer more from fuel poverty than other regions?
Cluinnidh sinn an abairt bochdainn connaidh gu math tric – ach dè fèir a tha sin a’ ciallachadh? An-diugh cluinnidh Coinneach bhon ailtire Mà rtainn Mac a’ Bhà illidh dè tha luchd-togail a’ dèanamh an-diugh gus taighean a chumail blà th agus cosgaisean connaidh a lùghdachadh agus bhon fhear-naidheachd Mìcheal MacNèill air na h-oidhirpean is na h-iomairtean riaghaltais a tha a’ dol.
Cuideachd air a’ phrògram tha na eòlaichean saidheans Murchadh Peutan agus Iain Mac Aonghais a’ beachdachadh air beatha is obair Wallace Smith Broecker nach maireann. Bha Mgr Broecker, a bhà saich an t-seachdain sa chaidh, fìor chudromach ann an saidheans aimsir leis gur e a stèidhich mòran bheachdan co-cheangailte ri blà thachadh na cruinne. Dè an dìleab a tha e air fà gail againn a thaobh ar tuigse air an à rainneachd?
Tha Seònaid Boydell a’ mìneachadh beagan mu chòmhstri foghlam anns an Fhraing – far a bheil cuid a thidsearan a’ toirt comharran à rda dha gach leanabh, mar dhòigh air seasamh an aghaidh atharrachaidhean poileasaidh.
Agus cluinnidh Coinneach bho Iain Mac a’ Phearsain mar a tha cuid a bhoireannaich Yazidi a’ dèiligeadh rim beatha às dèidh trà illeachd IS le bhith fuireach còmhla ann an coimhearsnachd de bhoireannaich a-mhà in. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 26 Feb 2019 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 26 Feb 2019 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal