Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Glaschu

Seirbheis còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Glaschu. A service conducted by Rev Kenneth Stewart, Reformed Presbyterian Church, Glasgow.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm133: 1-2 air fonn Torwood agus ‘s e Uilleam Mac a’ Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Salm 48: 13-14 air fonn Walsall agus ‘s e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Free North ann an Inbhir Nis.

Salm 72: 18-19 air fonn agus ‘s e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Leughadh: Secheriah 6: 9-15
Ceann-teagaisg: Secheriah 6: 13

Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thàinig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e ochd bliadhna deug.
Fhuair e foghlam ann an Bun-sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Glaschu. Bha e roimhe sin na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.

30 minutes

An t-Urr Coinneach Stiùbhart

An t-Urr Coinneach Stiùbhart

Broadcasts

  • Sun 20 Jan 2019 09:00
  • Sun 20 Jan 2019 15:00
  • Sun 21 Jul 2019 09:00
  • Sun 21 Jul 2019 15:00