Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn, Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn, Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh.
Gaelic service with Rev Iain Smith, minister Free Church (Continuing) Harris.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 139: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 42: 1-2 air fonn Glencairn agus ‘s e Coinneach M MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 91: 15-16 air fonn St David agus ‘s e an t-Urr Seumas Gracie a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt.

Leughadh: Eabhraidhich 1: 1-14 & 2: 1-3
Ceann-teagaisg Eabhraidhich 1

Rugadh an t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn ann am Pabail Iarach anns an Rubha. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na bhùidsear. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn pòsta le dithis mhac. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1994 far an robh e stèidhichte aig Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. Dh'fhuirich e an sin gu 2003, gus an do ghluais e gu Tasmania far an robh e na mhinistear ann an Eaglais Chlèireach cheann a deas na dùthcha. Thill e air ais dhan dùthaich seo ann an 2015 agus fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh. Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a phòsadh ris a' choitheanal sa Chèitean 2016.

30 minutes

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn

Broadcasts

  • Sun 13 Jan 2019 09:00
  • Sun 13 Jan 2019 15:00
  • Sun 14 Jul 2019 09:00
  • Sun 14 Jul 2019 15:00