Episode 211
Blà r a' Mharne a' tighinn gu ceann 's dara sreath de bhatail air an Somme a' tòiseachadh. Tle Second Battle of the Marne ends and the Second Battles of the Somme 1918 begin.
Air Diluain 5mh den Lùnastal, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill, chaidh an oidhirp mu dheireadh a dhèanamh ionnsaigh a thoirt air Sasainn le soithichean-adhair. Dh'fheuch còig soitheach-adhair ri tighinn tarsainn Caolas Shasainn air feadh na h-oidhche ach an luib droch shìde cha do rà inig gin aca an ceann-uidhe agus chaidh tè dhiubh, L70 an Zeppelin a b'ùire aig na Gearmailteach, a leagail às an adhar. Uile gu lèir chaidh leth-cheud 's a h-aon ionnsaigh soitheach-adhair a thoirt air Breatainn tron chogadh anns an deach bomaichean a leagail.
Air an 7mh là , thà inig Blà r a' Mharne gu ceann. B' e buaidh chudromach a bha seo dha na Co-chòmhraigich san ionnsaigh mhòr mu dheireadh a bh' aig na Gearmailtich, ach cha b'iann gun phrìs a chaidh a' bhuaidh sin a chosnadh. Chaidh 168,000 Gearmailteach, 95,000 Frangach, 13,000 Breatannach agus 12,000 às na Stà itean Aonaichte a leòn neo a chall. Ach cha b' e sin deireadh an t-sabaid ge-tà oir an lathairne mhà ireach, thòisich an dara sreath de bhatail air an Somme. Theirear Ionnsaigh Amiens no Treas Blà r Phicardy ris cuideachd.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 090818
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 9 Aug 2018 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 10 Aug 2018 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal