Episode 210
Ruaig nan Gearmailteach tuath air a' Mharne 's na Sìophartaich am measg na ghabh Buzancy. Germans retreat north of the Marne and the Seaforths are among troops to capture Buzancy.
Bha Arm nan Co-chòmhragach fhathast dlùth air sà il nan Gearmailteach aig deireadh an Iuchar 1918, agus an ruaig a' leantainn gu tuath air Abhainn Mharne. Bha iad a-nise naoi mìle an ear-thuath air Chateau Thierry. Air an 28mh là chaidh baile Fère-en-Tardenois a ghabhail thairis leotha. Chaidh na h-Ameirigeanaich tarsainn air Abhainn Ourcq air an aon latha, agus ghabh iad sealbh an dèidh sin air ceithir bailtean eile. Beagan an dèidh meadhan-latha rinn an 15th (Scottish) Division, fo chomannd an t-Seanalair Fhrangach Mangin, oidhirp às ùr air baile Buzancy a ghabhail thairis, le taic o na h-aonadan Frangach, Ameirigeanach is Breatannach air gach taobh dhiubh. Bha Buzancy agus an talamh à rd mun cuairt air cudromach ma bha na Frangaich dol a thogail air an adhartas a rinn iad gu seo anns an sgìre. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a bha Rèisimeid nan Sìophortach an teas-mheadhan na sabaid le cunntas bhon Lieutenant Alasdair MacThòmais, no Aileagan Sheumais à Tung ann an Leòdhas. Ach chaidh à ireamh mhòr de na saighdearan Sìophortach a mharbhadh san t-sabaid.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 020818
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 2 Aug 2018 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 3 Aug 2018 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal