Main content
This programme is not currently available

Dà Sgeulachd bho Iain Moireach

Taghadh de sgeulachdan-goirid leis an sgrìobhadair Iain Moireach à Barabhas. A selection of short stories written and read by the writer John Murray.

Rugadh an sgrìobhadair Iain Moireach, neo Seonaidh Fhionnlaigh, ann am Barabhas anns a' Mhàrt 1938 's tha sin a' ciallachadh gum bi e a' comharrachadh ceann-bliadhna sònraichte am bliadhna agus e gu bhith ceithir fichead bliadhna a dh'aois.

Am Bucas, Am Partaidh, An Dealachadh, An Tuiteamas , Mo Chrannchur, Briseadh na Cloiche, Feòil a Gheamhraidh - sin dìreach cuid de na tiotalan a tha a' nochdadh am measg na sgeulachdan-goirid aig Iain agus anns a' phrògram cluinnidh sinn a dhà dhiubh agus Iain fhèin a' libhrigeadh na sgeulachdan dhuinn.

Sgrìobh Iain an sgeulachd 'An Tuiteamas' nuair a bha tòrr bruidhinn mu dhaoine a bhith a' siubhal chun na gealaich agus chruthaich e an sgeulachd timcheall air neach-fànais a' tighinn gu talamh.

Anns an sgeulachd "Mo Chrannchur" b' ann a' cunntais na sgillinnean a bha e, mar a bha tòrr eile an dòchas a bhiodh iad nuair a nochd an Crannchur Nàiseanta!

30 minutes

Last on

Sun 25 Mar 2018 10:00

Broadcasts

  • Tue 20 Mar 2018 12:00
  • Tue 20 Mar 2018 22:00
  • Sun 25 Mar 2018 10:00