Episode 59
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War one hundred years ago.
Bha grunn litrichean ann am Paipear an Òbain air an 24mh den t-Samhain 1917 a' dol gu là idir an aghaidh beachd a bh' air nochdadh sa phà ipear roimhe a bha a' cumail a-mach nach robh aon Ghà idheal le Gà idhlig air Crois Bhictoria a chosnadh sa chogadh thuige seo. Bha sin ceà rr am beachd Ailig Mhic a' Ghobhainn a sgrìobh à Àrdrigh. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill co è.
Air an 27mh den t-Samhain chaidh an soitheach carago stà ilinn SS Camellia a dhìth 's i a' deà namh a slighe bho Dakar gu Breatainn. Chun an latha an-diugh chan eil fios aig duine dè a thachair dhan Chamellia, ach chaillear an còig deug thar fhichead seòladair a bh' air bòrd, nam measg gunnaire à Leodhas.
Air madainn an 6mh den Dùbhlachd bha am bà ta Nirribheach SS Imo a' deà namh a slighe a-mach à Cala Halifax air a slighe dhan Bheilg le carago air bòrd. Aig an aon à m bha an soitheach Frangach SS Mont Blanc a' deà namh a slighe a-steach dhan chala 's i a' feitheamh air conbhoidh a bheireadh tarsainn a' Chuan Siar i. Bha i luma là n de stuthan spreadhaidh. Cha robh bratach dearg air am Mont Blanc ag innse gun robh uidheaman spreadhaidh air bòrd, ach cha robh sin ach pà irt dhen trioblaid, oir an à ite cumail ri taobh Halifax gheà rr an Imo tarsainn air am Mont Blanc agus mus rachadh aca air bacadh air ais, bha iad air bualadh na chèile.
Cluinnidh sin bho Ghilleasbuig mar a thachair agus mar a chailleadh còignear à Barraiagh air soitheach eile sa chala, an SS Curaca.
Air an 9mh den Dùbhlachd 1917 thà inig naidheachd a thug togail dhan h-uile duine air taobh nan Co-chòmhraigeach le feachdan Breatannach fo stiùir an Seanaral Edmund Allenby a' gabhail thairis a' faighinn smachd baile Ierusalem. Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig mu na thachair.
Agus air an dearbh latha chaidh aonta a ruighinn eadar Romà nia agus na dùthchannan air taobh na Gearmailt airson sìth. Bha aonta Brest-Litovsk aig toiseach na mìos air Romà nia fhà gail ann an suidheachadh lag agus às aonais taic nan Ruiseanach b'fheudar dhan riaghaltas aice gèilleadh agus a h-ainm a chuir ri Aonta Focsani a' toirt nan ionnsaighean air a' Ghearmailt, an Ostair san Ungaire, Bulgà ria agus an Ìmpireachd Ottaman gu ceann.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 18 Dec 2017 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 18 Dec 2017 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Christmas Eve 2017 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal